Cead do t thuathanas-èisg faisg air Eilean Ghòmastra

  • 5 An t-Samhain 2012
Tuathanas-èisg
Image caption Chaidh draghan a thogail gum biodh iasg fiadhaich ann an cunnart bho ghalairean.

Tha comhairlichean ann an Earra Ghàidheal air cead a thoirt do planaichean airson tuathanas-èisg a thogail aig Eilean Ghòmastra, far taobh siar Mhuile.

Tha muinntir an eilein uile air a bhith a' cur an aghaidh nam planaichean, ach bha oifigearan dealbhachaidh a' moladh do chomhairlichean a cheadachadh.

Chan eil ach triùir air Eilean Ghòmastra aig a bheil cead-bhòtaidh, 's iad uile a' cur an aghaidh nam planaichean.

Thuirt iad gun dèan na tuathanasan-èisg milleadh air an àrainneachd.

Obraichean

Ach tha daoine air Eilean Mhuile a' toirt taic do na molaidhean leis gun rachadh cosnaidhean a chruthachadh.

Thuirt Companaidh Bradain na h-Alba gum biodh 4 obraichean ùra làn-ùine ann.

Tha dùil gu bheil dùblachadh air thighinn air àireamh luchd-obach na companaidh san dà bhliadhna a dh' fhalbh, 's iad a-nis a' toirt cosnadh do cha mhòr 400 neach.

Bha an luchd-strì a' cumail a-mach gun cuireadh seo gu mòr ri truailleadh, agus gum biodh an t-iasg fiadhaich ann an cunnart bho ghalairean.