Rannsachadh poblach ga iarraidh mu Alba chruthachail

  • 2 An t-Samhain 2012
Tèatar Albannach Image copyright Other
Image caption Thug luchd-ealain na h-Alba slaic air a' bhuidhinn o chionn ghoirid.

Tha fear a bha na stiùiriche air buidheann nan ealan Gàidhlig, Pròiseact nan Ealan, ag iarraidh gun tèid mion-sgrùdadh a dhèanamh air a' bhuidhinn Alba Chruthachail.

Thuirt Calum Maclleathainn gu bheil a' bhuidheann cearbach, agus gun tug iad maoin air falbh bho Phròiseact nan Ealan gun iad a bhith riamh air chuairt ann an coimhearsnachd Ghàidhlig.

Nuair a chaidh atharrachaidhean mòra a thoirt air Alba Chruthachail, bha Pròiseact nan Ealan am measg nam buidhnean a chaill an t-ionmhas a bha iad a' faighinn bhuapa.

Bithidh e fhathast fosgailte do Phròiseact nan Ealan cur a-steach airson taic-airgid tron Chrannchur Nàiseanta.

Ach tha Mgr MacIlleathain ag ràdh nach eil sin math gu leòr.

Tha e ag ràdh nach eil Alba Chruthachail ag obair gu ceart, 's gum biodh iad air am buaireadh a tha a-nis gan cuairteachadh a sheachnadh nan robh iad air èisteachd ri buidhnean ealain aig an àm.

Thuirt e gun do chaill Alba Chruthachail earbsa coimhearsnachd ealain na h-Alba gu tur.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile