Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stoirm Mhòr Sandy

Bidh an Ceann-suidhe Obama a' tadhail air New Jersey an-diugh, tè de na stàitean as motha a dh'fhulaing nuair a bhuail stoirm Sandy air costa an ear nan Stàitean Aonaichte oidhche Luain. Tha fios ann a-niste gun deach 40 duine a mharbhadh eadar na Stàitean Aonaichte agus Canada. Tha na h-ùghdarrasan a' strì ris an dealan, goireasan còmhdhail agus na seirbheisean eile as fheumaiche a stèidheachadh a-rithist.

Lee Cyrus

Tha Poilis Roinn a' Mhonaidh a' rannsachadh aithris gun deach prìosanach a th' air teicheadh, agus a tha fìor chunnartach, fhaicinn ann an sgìre Boddam ann an Siorrachd Obar Dheathain. Tha Lee Cyrus cuideachd a' cleachdadh an ainm Ivan Leach. Tha seo a' tachairt 's poilis a' rannsachadh mar a chaidh boireannach òg èigneachadh ann an Obar Dheathain tràth sa mhadainn Disathairne.

Grantaichean Oileanach

Tha e air tighinn am follais gu bheil mu 8,000 oileanach ann an Alba gun sgillean den ghrant no iasad faighinn letheach-slighe tron teirm. Thuirtn Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad an dòchas dèiligeadh ris a' mhòr-chuid de na cùisean sin tràth air an ath-mhìos. Thuirt fear-labhairt foghlaim nan Làbarach an Alba, Niall Findlay, gu bheil ceistean rim freagairt.

Aithisg Heseltine

Tha am Morair Heseltine, an t-seann leas-phrìomhaire Tòraidheach ag ràdh gum feum an Riaghaltas a bhith dàna le am poileasaidh airson an eaconamaidh a bhrosnachadh. Ann an aithisg a dh'iarr Sràid Downing air, thuirt e gu bheil mòran ann am Breatainn den bheachd nach eil strataidsidh ceart ann airson fàs, agus gum feum na billeanan not a ghluasad a-mach à Whitehall dha na coimhearsnachdan.

Banca Dail Chluaidh

Dh'innis Banca Dail Chluaidh gun robh call ro chìsean de £183m air a' bhuidhinn air a' bhliadhna suas gu deireadh an t-Sultain. Bha call de £46m air Barclays anns an aon ùine.

Buidseat an Aonaidh Eòrpaich

Tha coltas ann gum faodadh uidhir ri 40 ball Tòraidheach agus Làbaraich a bharrachd air sin bhòtadh an aghaidh Dhàibhidh Chamshroin ann an Taigh nan Cumantan a-nochd fhathast mu phoileasaidh air buidseat an Aonaidh Eòrpaich. Tha am Prìomhaire airson am buidseat a chumail mar a tha e. Tha an EU ag iarraidh àrdachaidh de 5%, ach tha buill Tòraidheach agus Làbaraich ag iarraidh a ghearradh.

Aiseagan Arcaibh is Shealtainn

Bidh baileat airson stailc aig criutha bhàtaichean-aiseig Arcaibh is Shealtainn an dèidh dhan chompanaidh ùir a tha a' ruith nan seirbheisean sin, Serco Northern Isles Ferries Services, co-dhùnadh gun cuir iad às do 36 cosnaidhean, le cunnart gum feum luchd-obrach eile falbh an aghaidh an toil. Thuirt an t-aonadh RMT gun tèid pàipearan baileat a-mach an ath-sheachdain, agus gum faodadh stailc a bhith ann aig àm na Nollaige agus na Bliadhna Ùire.