Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Faslann

Thuirt Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, gum biodh e gun chiall cur às do sgeama dìon Trident. Bha Mgr Hammond a' brhuidhinn ri Radio Alba, 's e a' tadhail air Faslann air Chluaidh an-diugh a dh'innse gun tèid £350m a chur ri leasachadh a' phròiseict a thèid an àite Trident. Thuirt e gun cruthaich sin 1,200 cosnadh air feadh Bhreatainn. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun deadh cur às do Thrident ann an Alba neo-eisimeilich.

Hurricane Sandy

Chaidh staid èiginn a ghairm ann an ochd stàitean Aimeireaganach agus Hurricane Sandy a' dèanamh a slighe gu taobh sear na dùthcha. Chaidh iarraidh air daoine a tha a' fuireach faisg air a' mhuir ann an New York na dachannan fhàgail. Tha siostam còmhdhail a' bhaile dùinte agus chuir British Airways agus Virgin Atlantic stad air na seirbheisean aca air ais 's air adhart bho thaobh sear nan Stàitean an-diugh. Tha dragh ann a-niste gum faodadh an stoirm buaidh a thoirt air taghadh a' Chinn-suidhe an ath-sheachdain.

Loch Lòchaidh

Bidh comhairlichean na Gàidhealtachd a' tadhail an-diugh air làrach sgeama mhòir hydro a tha san amharc os cionn Loch Lòchaidh, a chosgadh £800m. Tha Scottish and Southern Energy Renewables ag iarraidh an stèisean pumpaidh as motha an Alba a thogail an sin. Ach tha Dualchas Nàdair na h-Alba ag ràdh gun dèanadh e milleadh follaiseach air an àrainneachd.

Sochairean Cloinne

Tòisichidh cuid de phàrantan a' faighinn litrichean tron phost an-diugh ag innse dhaibh gum bi iad a' call cuid no a h-uile dad de na sochairean cloinne. Bheir seo buaidh air teaghlaichean anns a bheil aon inbheach a' cosnadh air a' char as lugha £50,000.

FlySkye

Thèid iomairt a chur air bhonn an t-seachdain seo ag iarraidh seirbheisean adhair a stèidheachadh a-rithist dhan Eilean Sgitheanach. Tha a' bhuidheann FlySkye a th' air cùlaibh na h-iomairt ag iarraidh seirbheis plèana Twin Otter a chur eadar an t-eilean agus meadhan na h-Alba gus an deadh seirbheis mhaireannach a stèidheachadh.

Cìs a' Chonnaidh

Bidh am BP Gàidhealach, Rùnaire an Ionmhais Danny Alexander a' bruidhinn ri Roinn an Ionmhais feasgar mu bhuaidh Chìs a' Chonnaidh air eaconamaidh na Gàidhealtachd agus eaconamaidh Bhreatainn gu lèir. Fhuair Mgr Alexander lùghdachadh 5sg gach liotair air connadh anns na h-Eileanan na bu tràithe am bliadhna, agus tha Roinn an Ionmhais a' coimhead a-niste an gabh sin leudachadh gu sgìrean iomallach air Tìr Mòr.