Autumnwatch a' tighinn gu tuath

  • 29 An Dàmhair 2012
Bìobhair
Image caption Bidh bìobhairean agus iolairean am measg na chìthear air Autumnwatch.

'S ann air cuid de na beathaichean àraid a chìthear ann an ceann a tuath na h-Alba a bhios prògram Autumnwatch a' BhBC a' cur na prosbaig an t-seachdain seo.

Bidh prògraman gan craoladh beò bho Ionad Àrainneachd Aigeis, faisg air a' Mhanachainn, bho oidhche Mhàirt an 30mh là den Damhair, gu oidhche Haoine.

'S e seo a' chiad uair riamh a tha am prògram air tighinn à Alba.

Bidh am prògram a' cleachdadh chamarathan beaga a bhios a' clàradh nam beathaichean gun fhiosta dhaibh.

Beathaichean àraid

Seallaidh na prògraman mar a bhios beathaichean an leithid bìobhairean, feòragan agus sionnaich ag ullachadh airson a' Gheamhraidh.

Thuirt fear de phreasantairean a' phrògraim, Màrtainn Hughes-Games, gur e fìor dheagh chothrom a th' ann a bhith a' faicinn bheathaichean nach fhaicear anns a' chòrr de Bhreatainn.

Tha teaghlach de dh'ochd bìobhairean am measg na tha a' tighinn beò anns an sgìre, agus shamhlaich e an dol a-mach aca ri dràma "siabann".

Bidh a' chiad phrògram de dh'Autumnwatch air aig 8:00f oidhche Mhairt air BBC 2.

Timcheall a' BhBC