Cus gaoithe na dhragh dhan chomhairle

  • 26 An Dàmhair 2012
Crann-gaoithe
Bha cuid de phàrantan air ceistean a thogail mu cho sàbhailte 's a bha na crainn a tha stèidhichte aig cuid de sgoiltean na Gàidhealtachd.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid na crainn-ghaoithe a tha stèidhichte aig cuid de sgoiltean san sgìre a chur dheth nuair a ruigeas a' ghaoth 100 mìle san uair.

Thòisich sgrùdadh air na crainn sa Chèitean is cuid de phàrantan air draghan a thogail mu shàbhailteachd.

Chaidh 17 crainn a chur dheth fhad 's a bha an sgrùdadh sin a' dol air adhart.

A-nise tha a' Chomhairle air co-dhùnadh ceithir de na crainn a thoirt a-mach à seirbheis.

Èifeachdach

Fhuair iad nach robh na crainn aig an Tolm ann an Inbhir Nis, Innis nan Lìon ann an Cataibh agus ann an Eige èifeachdach, is gun robh am fear aig Cnoc na Creige ann am Baile Dhùbhthaich suidhichite ann an àite nach robh freagarrach.

Thèid na crainn eile a chur air a-rithist ach bho seo a-mach thèid an cur dheth nuair a ruigeas a' ghaoth 100 mìle san uair.

Thuirt Leas-Àrd-Stiùiriche na Comhairle, Steve Barron, gu bheil iad cuideachd am beachd crainn a bharrachd a stèidheachadh.

Thuirt Mgr Barron gu bheil na crainn math dhan àrainneachd agus gu bheil iad a' togail airgid dhan Chomhairle.