Sràidean dùinte ann am meadhan Inbhir Nis

  • 26 An Dàmhair 2012
Soidhne
Image caption Tha dùil gum bi an obair gu lèir deiseil ron Ghiblean 2015.

Bidh cuid de shràidean ann am meadhan baile Inbhir Nis dùinte grunn sheachdainnean ri linn obair gus am baile a dhìon bho thuiltean.

Tòisichidh an obair Diluain 29mh an Damhair, la ballachan gan cur an-àirde ri taobh Abhainn Nis.

Bidh Sràid a' Bhanca air taobh sear na h-aibhne, agus Ceum nam Manach air an taobh shiar, dùinte fad sia seachdainnean.

Tha dùil ri tuilleadh troimhe-chèile sna mìosan a tha romhainn, fhad 's a chuirear crìoch air an obair.

An Giblean 2015

Cosgaidh an obair £24.75m, agus e ag amas air mu 800 dachaigh, agus 200 gnothachas ann am meadhan a' bhaile a dhìon bho thuiltean na h-aibhne.

Bidh a' chompanaidh Coffey Construction Eta. a' cur phrìomh phìoban a' ghas 's an uisge, agus càbalan dealain rathad eile air gach taobh na h-aibhne mar thoiseach-tòiseachaidh.

Tha dùil gum bi an obair uile gu lèir deiseil sa Ghiblean 2015.

A thuilleadh air Sràid a' Bhanca agus Ceum nam Manach, bidh cuideachd buaidh air na h-àiteachan a leanas:

  • Sràid Hunndaidh - casg air pàrcadh uaireigin eadar 24mh an t-Samhain agus an Giblean 2013. Bidh cuideachd cuid de na sràidean a tha a' tighinn far n sràide seo gan dùnadh an-dràsta 's a-rithist a rèir 's mar a tha feum air. Thèid seach-shlighean a chur air dòigh. Gheibh na seirbheisean èiginneach, dràibhearan le baidse ciorramachd, luchd-gnothachais agus luchd-còmhnaidh air faighinn troimhe ge-tà.
  • Sràid a' Bhanca / Ceann-rathaid Sràid na Drochaid - thèid obair a dhèanamh thar na h-oidhche gus am buaireadh as lugha adhbharachadh air trafaig gach rathad thairis air Drochaid Nis. 'S ann air na h-oidhcheanan seo a leanas a tha dùil an obair seo a dhèanamh: 19/20mh, 20/21mh, agus 21/22na an t-Samhain.
  • Sràid a' Bhanca agus Ceum nam Manach (Eadar Sràid an Fhrisealaich agus Sràid an Acadamaidh) - bidh Sràid a' Bhanca, eadar ceann Ceum nam Manach / Sreath Dhùbhghlais agus Sràid an Fhrisealaich, agus Ceum nam Manach fhèin dùinte eadar 29mh an Damhair agus 10mh an Dùbhlachd. Cuirear seach-shlighean air dòigh tarsainn Drochaid nam Manach agus Sràid Choinnich. Gheibhear a-steach gu Sràid na h-Eaglaise bho Shràid an Acadamaidh fad na h-ùine ge-tà. Gheibh na seirbheisean èiginn s.m.s.a.a. a-steach gu Sreath Dhùbhghlais agus Sràid nam Manach aig àm sam bith.
  • Sreath Dhùbhghlais, Sràid Taobh na h-Aibhne, Sràid nam Manach, agus Sràid a' Ghlìb - casg air pàrcadh, a rèir 's mar a tha feum air, gu ruige a' Ghiblein 2013. Bidh feum air na rathaidean a dhùnadh aig amannan eadar 29mh an Damhair agus 10mh an Dùbhlachd, agus eadar 4mh am Faoilleach 's 10mh an Gearran. Gheibh na seirbheisean èiginneach s.m.s.a.a a-steach aig àm sam bith ge-tà.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile