Planaichean Loch Lòchaidh a-staigh

  • 26 An Dàmhair 2012
Loch Lòchaidh Image copyright Andrew McLean
Image caption Chaidh 40 gearain a thogail an aghaidh a' phròiseict.

Tha a' chompanaidh chùmhachd Scottish and Southern Energy Renewables air planaichean a chur a-steach chun an Riaghaltais airson an sgeama Hydro as motha ann an Alba a thogail aig Loch Lòchaidh faisg air Drochaid an Aonachain.

Cosgaidh am pròiseact £800m, agus thathas den bheachd gun cruthaich an sgeama 600 megawatt de chumhachd.

Bidh an sgeama hydro air a dhèanamh an-àirde le dam, stèisean cùmhachd fon talamh, tunailean uisge agus cidhe a bhios 40 meatair de dh'fhaid air Loch Lòchaidh. Cuideachd thèid oifisean agus rathaidean a thogail.

Chaidh 40 gearain a thogail mun phròiseact mar thà, agus dragh air daoine mun bhuaidh a bhiodh aige air iolairean, air an àrainneachd agus air Slighe a' Ghlinne Mhòir.

Nochd draghan cuideachd mu shàbhailteachd chloinn-sgoile, agus na thèid a dhèanamh leis a' chreig a dh'fheumadh a bhith air a cladhach a-mach.

Thuirt Dualchas Nàdair na h-Alba gum bi droch bhuaidh aig an sgeama air cruth na tìre, agus mar sin air seallaidhean san sgìre.

Tadhailidh comhairlichean air an làraich Diluain mus beachdaich iad air a' phlana Dimàirt.

Tha oifigich air moladh ge-tà gum bu chòir do Riaghltas na h-Alba an co-dhùnadh deireanach a dhèanamh air a' chùis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile