Dachaigh son 'An Radio'

  • 26 An Dàmhair 2012
Ionad Bhaille nan Calilleach Image copyright Other
Image caption 'S ann aig Ionad Bhaille nan Calilleach a bhios 'An Radio' stèidhichte.

Fhuair iomairt gus stèisean rèidio coimhearsnachd a stèidheachadh ann an Uibhist spionnadh agus dachaigh mhaireannach a-nise aig a' phròiseict.

Nochd am beachd an toiseach an-uiridh airson stèisean a chur air dòigh agus fhuaireadh cead-craolaidh bho OFCOM san Ògmhìos am bliadhna.

'S e nach robh togalach ann son an stèisein fear de na cnapan-starra mu dheireadh a bh' air thoiseach air a' phròiseict.

A-nise tha Urras Ionad Bhaile nan Cailleach air an togalach aca a thabhainn - an asgaidh - dhan stèisean, le muinntir 'An Radio' a' gealltainn gun tèid a chleachdadh mar ghoireas coimhearsnachd.

Bha an t-Urras air leigeil fhaicinn mar thà gun robh iad a' lorg buidhne coimhearsnachd a ghabhadh an t-ionad os làimh.

Thathas an dòchas an café san ionad fhosgladh às ùr, còmhla ri àite-cluiche do chloinn agus goireasan coimhearsnachd eile.

Meadhan

"Chan eil àite nas fheàrr air a shon ann an dòigh air sàilleabh is far a bheil e - tha e ann an teis-meadhan Beinn nam Fadhla," thuirt fear den fheadhainn a th' air cùl pròiseict 'An Radio', Niall Caimbeul.

"S e an rud a tha math mun togalach seo, 's e gu bheil àite ann a tha freagarrach dhuinne airson stiùidio a chur air dòigh, oifis a chur air dòigh dhuinn fhìn.

"Tha café ann a bha a' dol gu math agus 's e call a bh' ann gun do dhùin sin sìos agus tha sinn an dòchas gun gabh cuideigin e," thuirt e.

Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil cothroman gu leòr ann na goireasan san ionad a chur gu feum son maith na coimhearsnachd, agus gu bheil 'An Radio' gu mòr ag iarraidh beachdan dhaoine air dè bu chòir dhaibh a dhèanamh leotha.

"Tha sinne airson àite a bhith againn far an urrainn do dhuine sam bith tighinn a-staigh, a bhith ag èisteachd ris, agus a' gabhail pàirt cuideachd, ge bith cò iad," thuirt e.

Thèid manaidsear làn-ùine fhastadh son 'An Radio' a stiùireadh is tha dùil gun tèid sanas son na h-obrach sin a-mach tràth ann an 2013.

Bidh an còrr den sgioba aig obair gu saor-thoileach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile