Puinnseanachadh cyanide ann an Leòdhas

  • 25 An Dàmhair 2012
An Teanta Glanaidh Image copyright IAIN MACIVER
Image caption B'fheudar an ceathrar a ghlanadh le bùrn mus d'fhuair iad cùram ann an teanta sònraichte taobh a-muigh an ospadail.

Chaidh an ceathramh duine a leigeil às an ospadal ann an Steòrnabhagh às dèidh dragh gun deach e fhèin agus triùir eile a ghannrachadh leis a' phuinnsean Cyonide.

Fhuair an ceathrar, dithis luchd-eiridinn nam measg, cùram oidhche Chiadain, às dèidh mar a chuidich triùir aca an ceathramh fear a thoirt don ospadal.

Tha dùil gur e fear leis a bheil loidse-iasgaich ann an Ùig', Dickon Green, a bh' air a ghannrachadh an toiseach.

Bha Mgr Green a' feuchainn ri canastair cyanide a bh' aige na dhachaigh a dhèanamh sàbhailte nuair a fhuair am puinnsean ma sgaoil.

Is coltach gun robh e ag ullachadh airson an seann chanastair a chur air falbh gu ionad air Tìr Mòr a tha a' dèiligeadh ris an leithid.

Chaidh e a dh'iarraidh cobhair mhedigich, ach seach gun toireadh e ro fhada carbad-eiridinn fhaighinn thuige, thug a nàbaidh lioft dha dhan ospadal.

Choinnich an carbad-eiridinn riutha aig ceann-rathaid Bheàrnaraigh, agus bha iad a' dèanamh air Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh nuair a chuir na poilis stad orra.

Chaidh Mgr Green, agus a nàbaidh, a fhrasadh le bùrn mus deach an toirt gu teanta sònraichte a chaidh a chur an-airde taobh a-muigh an ospadail.

B' fheudar cuideachd don dithis neach-eiridinn a bhith air an glanadh.

Thuirt poilis gu bheil iad a' rannsachadh na cùise, agus tha luchd-smàlaidh ag ràdh gu bheil an loidse agus an sgìre mun cuairt sàbhailte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile