Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m.

23 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

SNP

Tha dithis a bha a' riochdachadh an SNP air a Ghàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba air a Phartaidh fhàgail.

Tha coltas gu bheil Iain Finne agus Jean Urqhuart air a phartaidh fhàgail an co-cheangal ris an seasamh air NATO, as deidh bhot aig co-labhairt a phartaidh air an t-seachdainn-sa chaidh.

Sheas Mgr Finnie agus a Bhp Urqhuart gu mòr an aghaidh a bheachd gum bu choir do dh'Alba neo-eismeileachd a bhith na bhall de NATO.

A dh'aineoin seo tha mòr-chuid fhathast aig an SNP ann am Parlamaid na h-Alba.

Savile

Tha Comataidh a' Chultair, nam Meadhanan agus an Spòrs aig Westminter a' ceasnachadh àrd-stiùriche a' BhBC, Seoras Entwistle, mu sgaineal Jimmy Savile.

Tha duil gun teid fhoighneachd - an deach cuideam a chur air neach-deasachaidh Newsnight - aithris mu Jimmy Savile a leigeal às, agus prògram a bha ri luaidh air Savile ga ullachadh.

B'e Mgr Entwistle a bha os cionn telebhisean aig a' BhBC aig an àm.

Rabhadh mu chleasan-teine

Thug na poilis agus oifigearan inbhe-malairt air rabhadh a thoirt seachad do dhaoine as na h-Eileanan Siar - gu bheil daoine a' creic cleasan-teine a dh'fhaodadh a bhith cunnartach anns a sgìre.

Tha na h-ughdarrasan air fiosrachadh fhaighinn gu bheil cleasan-teine gan reic a-mach a cul bhana tron Uibhist agus Beinn na Faoghla agus tha iad ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mun ghnothaich.

Tha iad a' moladh gun na cleasan teine a chleachdadh, agus fios a chuir chun na poilis anns a bhad.

Super Puma

Tha na trì chompanaidhean a tha a' ruith heilcoptairean gu raointean ola timcheall air Alba a-nis air radh nach cleachd iad heileacoptairean Super Puma gum bidh rannsachadh air a dhèanamh air tubaist a bh' ann an-dè.

Thàinig heileacoptair aig CHC a-nuas sa mhuir faisg air Sealtainn, ach fhuair an naoi duine deug a bh' air bòrd gu tìr sàbhailte.

Tha na maor-chladaich ag ràdh gu bheil an heileacoptair fhathast air uachdar na mara, agus iad a' sgaoileadh rabhaidhean do bhàtaichean mu dheidhinn gach uair.

Comhairle Bhaile Bhirmigham

Tha an ughdarras-ionadail as motha ann am Breatainnn - Comhairle Bhaile Bhirmigham air innse gu faodadh gu falbh mile obair làn-ùine còmhla riutha thairis air na bliadhnaichean ri teachd.

Tha seo a' tighinn as dèidh dhaibh foillseachadh gu bheil gearraidhean nas motha na bha dùil a dhith orra - 's iad a' feuchainn ri sia ceud millean not a shabhaladh thairis air an ath choig bliadhna.

Barrachd itealain gun phìdhleat ann an Afghanistan

Tha feachd an adhair a' toirt dùblachadh air an àireamh itealain gun phìdhleat a th' aca ann an Agfghanistan.

Bidh deich dhe na h-itealain gan stiùireadh bho ionad ann an Lincolnshire, agus Ministreachd an Dìon ag ràdh gum bidh iad air an cleachdadh airson fiosrachadh a thrusadh.

Bidh urchairean gan giùlain leòtha cuideachd, ged tha.