Dithis a' fàgail an SNP

  • 23 An Dàmhair 2012
Iain Finne agus Sìne Urchadain Image copyright SNP
Image caption Thuirt an dithis BPA gur e roghainn duilich a bh'ann.

Tha dithis a bha a' riochdachadh an SNP air a' Ghàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba air am pàrtaidh fhàgail.

Chuir Iain Finne agus Sìne Urchadain cùl ris a' phàrtaidh air sgàth atharrachadh ann an seasamh an SNP air NATO, às dèidh bhòt aig co-labhairt a' phàrtaidh an t-seachdain seo chaidh.

Tha an SNP air a bhith an aghaidh bhallrachd do dh'Alba neo-eisimileach ann an NATO airson 30 bliadhna.

Aig co-labhairt a' phàrtaidh chuir Aonghas Robasdan beachd air adhart gum bu chòir do dh'Alba neo-eiseimealach a bhith ann an NATO.

Bhòt 426 airson a' phoileasaidh agus 322 na aghaidh.

Sheas Iain Finnie agus Sìne Urchadain gu mòr an aghaidh a' bheachd.

''Chan urrainn dhomh cumail a' dol ann am pàrtaidh a tha an aghaidh armachd niuclasaich san dùthaich aca fhèin ach a tha dèonach a bhith ann an aonadh a tha a' toirt taic do dh'armachd niuclaseach'', thuirt Mgr Finnie.

''Tha sinn fhathast daingeann nar beachd gum bu chòir Alba a bhith neo-eiseimealach ann an 2014'', thuirt a' bhean-phosta Urchadain.

''Leanaidh sinn oirnn ag iomairt airson sin ach tha sinn a' creidsinn ann an Alba neo-eiseimealach - chan e Alba a tha an eiseimeal NATO'', thuirt i.

Bha an dithis roimhe nan comhairlichean air Comhairle na Gàidhealtachd.

Leanaidh iad orra mar bhuill neo-eiseimealach aig Holyrood.

Bho na 69 buill pàrlamaid bhon SNP a fhuair a steach san taghadh mu dheireadh tha 65 a-nis air fhàgail.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil mòr-chuid fhathast aig an SNP ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo