Ceannard le Gaeilge ga mholadh

  • 22 An Dàmhair 2012
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha e air faileachadh air a' Chomhairle ceannard-sgoile le Gàidhlig fhaighinn don sgoil.

Nochd Comann nam Pàrant aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, beachd gur dòcha gun gabhadh duine a bhruidhneas Gaeilge fhastadh mar cheannard air an sgoil, ma dh'ionnsaicheas iad a' Ghàidhlig.

Thuirt a' bhuidheann, a tha a' cur an aghaidh ceannard làn-ùine gun Ghàidhlig a chur os cionn na sgoile, gum biodh e na b'fhasa do dhuine le Gaeilge a' Ghàidhlig a thogail.

Tha e air faileachadh gu tur air a' Chomhairle ceannard-sgoile fhaighinn aig a bheil a' Ghàidhlig airson na sgoil, anns am bu chòir, a rèir na feallsanachd a th' air a cùlaibh, àrainneachd Ghàidhlig a bhith.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Cathraiche Chomann nam Pàrant Inbhir Nis, Dawn Morgan, gur e duine le Gaeilge a chur os cionn na sgoile tè de na freagairtean a dh'fhaodadh an suidheachadh a rèiteachadh.

Thuirt i gun robh a' bhuidheann airson 's gum biodh an dreuchd air a sanasachd na b'fharsainne na tha i air a bhith, leis nach i dreuchd àbhaisteach a bh' ann, agus gum feumte tuigse shònraichte a bhith agad air suidheachadh a' chànain airson sgoil Ghàidhlig a ruith.

Teisteanas

"Tha sinn dìreach airson 's gun coimhead iad ri rudan diofraichte ann a bhith a' faighinn cuideigin airson na dreuchd seo," thuirt a' Bh.Ph. Morgan.

"Tha Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba cho faisg air a chèile, agus 's dòcha suidheachadh an dà chànan nas fhaisge air a chèile cuideachd leis gur e mion-chànanan a th' annta.

"Mar sin, dh'fhaodadh gum biodh iad a' tuigsinn suidheachadh a' chànain agus suidheachadh na sgoile nas fheàrr 's dòcha na cuideigin a th' air a bhith ag obair ann am foghlam tro mheadhan na Beurla.

"Bu mhath leinn gum biodh an dreuchd air a sanasachd nas fharsainne, oir bha sinn a' faireachadh 's dòcha nach deach a sanasachd cho farsainn 's a b'urrainn.

"Ann an dòigh tha iad a' dèiligeadh ris an dreuchd mar dhreuchd sam bith eile ann an sgoil sam bith eile air a' Ghàidhealtachd.

"'S e suidheachadh gu math sònraichte a tha seo. Chan eil againn ach an dàrna sgoil Ghàidhlig ann an Alba," thuirt i.

Thuirt a' Bh.Ph. Morgan nach robh fhios aice co-dhiù an seasadh teisteanasan teagaisg na h-Èireann ann an Alba ge-tà.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' leanntainn pròiseas mar is còir dhaibh, agus gu bheil iad ann an co-chomhairleachadh le pàrantan na cloinne mun dòigh as fheàrr air a' chùis a rèiteachadh.

Thuirt iad gu bheil iad a-nis air an t-siathamh oidhirp aca gus ceannard ùr fhastadh, agus gu bheil iad dòchasach gun tèid aca air sin a dhèanamh san aithghearrachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile