Rannsachadh poblach mu thuath-gaoithe

  • 22 An Dàmhair 2012
Cruinn-ghaoithe
Image caption Tha luchd-glèidhteachais a' samhlachadh a' phròiseict ri bhith a' fosgladh bhùth mhòr Tesco anns a' Grand Canyon.

Tha rannsachadh poblach a' tòiseachadh anns an Aghaidh Mhòir Diluain mu phlanaichean gus tuath-gaoithe a thogail ann am Beanntan a' Mhonaidh Lèith.

Tha a' chompanaidh RWE Npower Renewables a' moladh 31 cruinn a thogail air làrach a tha mu leth mhìle taobh a-muigh Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Tha dragh air luchd-glèidhteachais mun bhuaidh a bheireadh an leasachadh air àrainneachd nam beanntan agus tha Comhairle Shreapadaireachd na h-Alba a-measg na tha a' cur na aghaidh.

Thuirt Chris Townsend bhon Chomhairle gu bheil an tuath-gaoithe seo air fear de dh'aon sgeamaichean deug a th' anns an amharc air oir air neo taobh a-staigh na Pàirce Nàiseanta.

Shamhlaich e na planaichean ri bhith a' fosgadh bhùth mhòr Tesco anns a' Grand Canyon.

Bhiodh an tuath-gaoithe comasach air cumhachd a chumail ri 43,000 dachaigh.

Tha dùil gum mair an rannsachadh poblach ceala-deug.