Tubaist rathaid air an A96

  • 18 An Dàmhair 2012

Chaidh aig luchd-smàlaidh air fear a ghearradh a-mach à sprùilleach charabaid às dèidh tubaist-rathaid air an A96.

Thachair an tubaist faisg air Inbhir Narrann goirid ro 11:00m Diardaoin.

Tha na poilis ag ràdh gu bheil an rathad fhathast dùinte aig làrach na tubaiste aig Coille na Dealgnaidh.

Thathar a' stiùireadh charbadan timcheall slighean eile.