Ealasaid Nic an t-Saoir, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tagraichean son Cathraiche BhnaG gan sireadh

18 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Riaghaltas na h-Alba an dràsda a' sireadh thagraichean airson dreuchd cathraiche Bhòrd na Gàidhlig.

'S i Ealasaid Nic an t-Saoir a tha air a bhith san obair gu h-eadar-amail bhon a dh'fhàg Art MacCaramaig sa Mhàirt.

Tha ise den bheachd gue e foghlam a bhios na phrìomhachas don chathraiche ùr, agus a' bhith a' neartachadh na Gàidhlig ann an sgìrean taobh a-muigh na Gàidhealtachd.

Tha dùil gum bi an cathraiche ùr a' gabhail na dreuchd os laimh bho thoiseach a' Mhàirt an ath-bhliadhna.