Gearain mu mhaoineachadh a' Mhòid

  • 17 An Dàmhair 2012

Thuirt an Comunn Gàidhealach gu bheil e tàmailteach nach eil prìomh bhuidheann mhaoineachaidh na h-ealaine ann an Alba a' toirt taic-airgid leantainnich dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Cha mhaoinich Alba Chruthachail ach aon chuirm aig fèis na bliadhna seo, a' comharrachadh gu bheil 120 bliadhna ann o bha ceangal aig Comann na Clàrsaich ris a' Mhòd.

Thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, gur i prìomh fhèis chulturail na Gàidhlig a th' anns a' Mhòd, agus mar sin gu bheil e airidh air barrachd taic bho Alba Chruthachail.

O chionn ghoirid, chaidh Alba Chruthachail a dhubh-chàineadh le mòran de luchd-ealain na h-Alba, ri linn dòighean maoineachaidh agus dòighean manaidsearachd na buidhne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile