Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m.

17 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seach-rathad Obar Dheathain

Chaidh an tagradh aig luchd-iomairt a th' air a bhith a' strì an aghaidh seach-rathaid Obar Dheathain a thilgeil a-mach le Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte an-diugh. Tha dùil a-nis gun urrainn tòiseachadh air a' phròiseact, a chosgas £400m, agus a' bhuidheann Road Sense, a th' air a bhith a' cur bacadh air fad bhliadhnaichean a-niste ag aideachadh gur math-dh'fhaoidte nach eil an còrr roghainnean air fhàgail aca.

Cion-cosnaidh

Thairis air na trì mìosan gu deireadh an Lùnastail dh'èirich an àireamh de dh'Albannaich a bha gun chosnadh, gu 222,000 - àrdachadh de 7,000. Dh'fhoillsich Oifis na Staitistig Nàiseanta cuideachd gun tàinig lùghdachadh air àireamhan cion-cosnaidh gu nàiseanta, sìos 50,000 gu 2,530,000. Tha ìre chion-cosnaidh na h-Alba a-niste a' seasamh aig 8.2%, beagan nas àirde na an àireamh airson na Rìoghachd Aonaichte gu lèir, a th' air tuiteam gu 7.2%.

RBS

Chuir an Riaghaltas fàilte air an naidheachd gu bheil Banca Rìoghail na h-Alba a' dol a dh'fhàgail sgeama àrachais a chaidh a stèidheachadh aig àm staing a' chreidis. Thathas den bheachd gur e ceum air adhart a th' ann, ann a bhith a' tilleadh a' bhanca, a tha an-dràsta fo shealbh a' phobaill, air ais dhan roinn phrìobhaidich.

Afganastan

Thug bomair fèin-mhairbhteach ionnsaigh air ionad airm air taobh sear Afganastan an-diugh. Tha an t-ionad air a chleachdadh le feachdan NATO, agus le arm na dùthcha fhèin. Chaidh 45 saighdearan Afganach a leòn anns an ionnsaigh, a thachair nuair a chaidh làraidh loma-làn bhomaichean a spreadh aig geataichean a' champa.

Sgìrean Eileanach

Beachdaichidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air moladh airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do choimhearsnachdan eileanach ann an Alba neo-eisimeilich. Tha Sìne Urchardain, a tha na Ball Liosta airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, air an gluasad a chur air adhart, agus thèid a dheasbad aig co-labhairt an SNP ann am Peairt air an deireadh-sheachdain. Am measg nan nithean air am bi iad a' beachdachadh, tha cumhachdan a bharrachd air rudan mar chòmhdhail, iasgach agus cìsean connaidh.