Sgeama Tàlaidh Luchd-teagaisg

  • 17 An Dàmhair 2012
Sgoil
Cothrom aig luchd-teagaisg a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a' toirt air adhart sgilean Gàidhlig.

Tha sgeama ùr a' feuchainn ri barrachd luchd-teagaisg a thàladh gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Fon sgeama, bhiodh cothrom ga thoirt do thidsearan aig a bheil an canan ach a tha a teagasg ann am Beurla piseach a thoirt air an cuid Ghàidhlig.

Chaidh an sgeama fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig aig a' Mhòd Naiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain.

Sgilean nain

A rèir Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachaidh a' Bhùird, Màiri NicIlleMhaoil, chan ann airson sgilean cànain a-mhàin ionnsachadh a tha an cùrsa.

''Tha cùrsaichean gu leòr ann a tha ag amas air sgilean Gàidhlig a thogail agus i a thoirt gu fileantachd," thuirt i.

''Thathas a' coimhead ris a' chùrsa seo gum bi cothrom aig luchd-teagaisg a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a' toirt air adhart sgilean Gàidhlig ach aig an aon àm a bhith ag ionnsachadh mu bhogadh cànain agus a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig,'' thuirt i.

Tha buidheann obrach a' coimhead ris an cùrsa a dhealbhachadh an-dràsta, agus bidh cothrom aig oilthighean agus colaisdean tairgse airson a' chùrsa a ruith.

Tha cothrom ann cuidheachd do dh'oilthighean agus cholaistean obrachadh an a co-bhann gus an cùrsa a dhealbhachadh agus a ruith.

Amas air an Àrd-sgoil

Thuirt Màiri NicIlleMhaoil gur e luchd-teagaisg san àrd-sgoil fhastadh a tha na phrìomh amas.

''Tha fios againn gu bheil gainnead gu h-àraid sna h-àrd-sgoiltean.

''Tha cothrom againn obair le tidsearean aig a bheil beagan Gàidhlig airson gun urrainn dhaibhsan tòiseachadh air cuspairean a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil.''

''Tha sinn airson 's gum bi an aon chothrom aig cloinn san àrd-sgoil Gàidhlig a chleachdadh sna làithean sgoile aca 's a th' aig cloinn sa bhun-sgoil," thuirt i.