Sgeama ghèadh a' soirbheachadh ann an Uibhist

  • 17 An Dàmhair 2012
Geòidh Image copyright Getty Images
Image caption Fhuair croitearan toradh arbhair math am bliadhna sa chumantas.

Thathas den bheachd gun do shoirbhich le sgeama fuadachaidh nan geadh ann an Uibhist am bliadhna.

Tha sin a dh'aindeoin 's gun robh àireamh nan geadh san sgìre nas àirde na bha i riamh.

Chaidh faisg air 10,000 gèadh a chlàradh ann an Uibhist san t-Sultain.

Ach a rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh le Machair Life, a tha a' ruith an sgeama fhuadachaidh, 's e glè bheag de dh'arbhar a chaidh a mhilleadh leotha.

800 Geadh air am Marbhadh

Tha croitearan ag ràdh, agus am bàrr a-nis air a chruinneachadh 's cuid mhath dheth air a bhualadh, gu bheil deagh fhoghair air a bhith aca, 's cuid mhath sìl aca.

A dh'aindeoin sin, tha gu leòr de chroitearan san sgìre a chaill arbhar do na geòidh.

Tha an sgeama fuadachaidh ag amas air arbhar nan croitearan a-mhàin a dhìon, agus tha Machair Life den bheachd, seach gun robh bàrr an ìre mhath math ann am bliadhna, gun do shoirbhich leis an sgeama.

A rèir fhiosrachaidh bho Machair Life agus Dualchas Nàdair na h-Alba, a tha le chèile an sàs ann a bhith a' cunntadh na tha de gheòidh ann an Uibhist, chaidh 8,650 gèadh a chunntadh o chionn ghoirid.

Tha na buidhnean cuideachd ag ràdh gu bheil fhios le cinnt aca gun deach co-dhiù 800 gèadh a mharbhadh bhon Lùnastal.

Tha an dà àireamh sin a' sealltainn gun robh mu 10,000 gèadh ann an Uibhist aig aon àm na bu tràithe air a' bhliadhna.

Luchd-obrach

Tha Machair Life ge-tà, ag ràdh nach bi na h-uidhir den uidheamachd a thug iad seachad do chroitearan airson ruaig a chur air na geòidh aca an ath-bhliadhna ri linn atharrachaidh sa bhuidseat aca.

Tha iad a' cur ìmpidh air croitearan an uidheamachd a fhuair iad am bliadhna a chumail ann an deagh òrdugh airson a chleachdadh an ath-bhliadhna cuideachd.

Bidh a' bhuidheann cuideachd a' fastadh cuid de dhaoine anns na bailtean airson a bhith a' fuadachadh nan geadh.

Thuige seo, tha na daoine a bh' air am fastadh airson sin air a bhith ag obair uairean neo-stèidhichte.

An ath-bhliadhna ge-tà, tha a' bhuidheann ag ràdh gum bi uairean stèidhichte aig an luchd-obrach, gus am bi fios aig na croitearan cuin a bhios iad ann, agus cuin a bhios uallach orra fhèin airson coimhead às dèidh an cuid arbhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile