Noro-bhìoras aig an Ràthaig Mhòr

  • 17 An Dàmhair 2012

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun sheall deuchainnean gu bheil noro-bhìoras aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha 14 euslainteach ann an uàrd 2A air a bhith a' fulang leis a' bhuineach agus dìobhairt.

Chaidh an uàrd a dhùnadh do dh'euslaintich ùra air sgàth a' ghalair agus chaidh iarraidh air luchd-tadhail fuireach air falbh.

Smachd

Bidh noro-bhìoras a' sgaoileadh anns an adhar agus tha e garbh duilich smachd fhaighinn air.

Thuirt ceannardan an ospadail gu bheil am bhìoras anns a' choimhearsnachd an-dràsta.

Dh'iarr iad air daoine fuireach air falbh bhon ospadal ma bha a' bhuineach orra no ma bha iad a' cur a-mach thairis air an dà là mus robh dùil aca a dhol ann.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bi luchd-obrach an ospadail deònach innse do dhaoine mar a tha an càirdean ma dh'fhònaicheas iad.