Cabhag ga h-iarraidh air tagraidhean dealbhachaidh

  • 16 An Dàmhair 2012
An Càrn Gorm Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaill na buidhnean tagradh a thog iad ann an Cùirt an t-Seisein san t-Sultain.

Tha Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ag ràdh gu bheil iad a' dol gu lagh feuch cabhag a chur air ath-thagraidhean a tha trì bhuidhnean àrainneachail a' dèanamh an aghaidh plana ionadail na pàirce.

Chaill Iomairt a' Mhonaidh Ruaidh, Buidheann Ghlèidhteachais Shrath Spè is Bhàideannaich, agus An Iomairt Albannach airson Phàircean Nàiseanta, tagradh ann an Cùirt an t-Seisein san t-Sultain, an aghaidh mholaidhean a th' anns a' phlana ionadail airson sgeamaichean taigheadais ann an Drochaid Nithidh, Drochaid Chàrr, Ceann a' Ghiuthsaich agus leasachadh mòr aig a' Chamas Mhòr, faisg air an Aghaidh Mhòir.

Tha an t-ùghdarras ag ràdh gur e briseadh dùil mòr a th' ann dhaibh gu bheil na buidhnean seo a-nis ag ullachadh tagraidh eile, 18 mìosan às dèidh mar a chaidh a' chiad dùbhlan laghail a chur a-steach.

Tha iad a-nis ag iarraidh air a' chùirt "cabhag a chur" air ath-thagradh sam bith eile, agus cosgaisean na cùirte a chur air na buidhnean, "ri linn na tha na tagraidhean a' ciallachadh do dh'ionmhas phoblach."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile