Buannachd à bhith a' gluasad a' Mhòid

  • 16 An Dàmhair 2012
Pìobaire 's dannsairean
Tha Còisir Rinn Friù aig a' Mhòd am bliadhna airson a' chiad turais.

Tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gum faod am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhith air a chumail ann an àiteachan ùra air Ghàidhealtachd, às dèidh cho soirbheachail 's a bha an fhèis ann an Gallaibh bho chionn dà bhliadhna.

Tha iad ag ràdh gu bheil an àireamh chloinne às an sgìre a tha a' farpais am bliadhna a' toirt toileachais dhaibh.

Agus tha còisir ùr à Pàislig, far am bi Mòd na h-ath-bhliadhna, an sàs san fhèis cuideachd.

Tha còrr 's 1,500 duine cloinne a' gabhail pàirt sna farpaisean ann an Dùn Omhain am bliadhna.

"Tha na h-àireamhan falain, agus tha sinn a' coimhead cloinne a' tilleadh bho àite mar Ghallaibh far an robh sinn o chionn dà bhliadhna, agus tha sin a' dearbhadh dhuinn gu bheil sinn a' dol a dh'fhàgail dìleib ann an Gallaibh," thuirt Àrd-Oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Moireasdan.

"Tha sinn toilichte cuideachd gu bheil sinn a' faicinn còisir ùir, Còisir Rinn Friù, a' tighinn à Pàislig chun a' Mhòid am bliadhna airson a' chiad turais.

"Bhiodh e gu math na b'fhasa don Chomunn am Mòd, gach bliadhna, a chur gu bailtean tarsainn air a' Ghàidhealtachd.

"Ach feumaidh sinn barrachd na sin a dhèanamh. Feumaidh sinn a dhol taobh a-muigh na Gàidhealtachd, airson sùilean dhaoine eile fhosgladh dhan Ghàidhlig," thuirt e.