Còmhradh aig a' Chidhe

  • 15 An Dàmhair 2012
Malaig Image copyright bbc
Image caption Tadhailidh Marine Scotland air Malaig agus Steòrnabhagh sa Ghearran.

Bidh cothrom aig iasgairean air a' Ghàidhealtachd, ann am Moireibh agus anns na h-Eileanan an Iar an cuid bheachdan a chur an cèill sa bhliadhna ùir nuair a bhios oifigich bho Marine Scotland air chuairt.

Coinnichich Oifigich na buidhne ri iasgairean agus daoine eile a tha an sàs anns a' ghnìomhachas gus an cuid dhraghan a chluinntinn.

Bithear a' còmhradh air Poileasaidhean an Aonaidh Eòrpaich, cosgaisean agus atharrachaidhean ann an teicneòlas.

Còmhradh

'S e Còmhraidhean aig a' Chidhe neo ''Quayside Conversations'' a th' aig Marine Scotland air a' chuairt, agus bidh Rùnaire an Iasgaich, Rìseard Lochhead, an sàs ann an cuid dhiubh.

'''S e mì-chinnt mu phoileasaidhean iasgaich an Aonaidh Eòrpaich agus uallach ionmhais dìreach beagan de na h-uallaichean a tha a' laighe air iasgairean an-drasta,'' thuirt e.

''Tha mi cinnteach gun tig tuilleadh am bàrr anns na còmhraidhean agus tha mi a' coimhead air athart ris na coinneamhan.

''Gheibh na draghan èisteachd agus nì Riaghaltas na h-Alba an dìcheall gus taic is cuideachadh a thoirt seachad.''

Thuirt Mike Palmer bho Marine Scotland gur e cothrom a th' anns na coinneamhan ceangal a dhèanamh leis na h-iasgairean.

''Bheir seo cothrom dhuinn poileasaidhean a mhìneachadh do dh'iasgairean agus cuideachd comhartachd a thoirt dhaibh a thaobh an cuid uallaichean," thuirt e.

''Tha mi mothachail gu bheil buaidh aig ar poileasaidhean iar bith-beò nan sgiobannan, agus tha mi mionnaichte gun tagh sinn na roghainnean ceart.''

Tadhailidh Marine Scotland air Ulapul san Fhaoilleach, Malaig agus Steòrnabhagh sa Ghearran agus Port Rìgh, An t-Òban agus Ceann Loch Cille Chiarain sa Mhàrt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile