Mòd air fhosgladh ann an Dùn Omhain

  • 15 An Dàmhair 2012
Dùn Omhain
'S e seo an seachdamh turas a tha am Mòd air a bhith ann an Dùn Omhain.

Thòisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain air an deireadh-sheachdain.

Bidh cha-mhòr 1,650 farpaiseach a' gabhail pàirt am bliadhna, faisg air an aon ìre 's a bh' ann nuair a bha am Mòd anns an sgìre mu dheireadh.

'S e seo an seachdamh turas a tha am Mòd Nàiseanta air a bhith ann an Dùn Omhain.

B' e Iain MacLeòid, ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, a thug seachad òraid fosglaidh oifigeil a' Mhòid, agus bhruidhinn Rùnaire an Fhoghlaim, BPA na sgìre Mìcheal Russell, anns a' Ghàidhlig aig a' chuirm fhosglaidh.

Chaidh inbhe Tosgaire na Gàidhlig a bhuileachadh air Ruairidh MacIlleathain, a tha na fhear-deasachaidh air an iris Cothrom aig CLÌ Gàidhlig, agus a bhios a' sgrìobhadh 's a' craoladh Litir do Luchd-ionnsachaidh air BBC Radio nan Gàidheal.

Chaidh cuideachd geama buill-choise a chluich eadar Dùn Omhain agus Pàislig, far am bi Mòd na h-ath-bhliadhna. B' iad Pàislig a bhuannaich le breaban peanais, às dèidh do gach sgioba tadhal fhaighinn.