Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Tuirc 's an Ruis

Tha an Ruis ag iarraidh mìneachaidh bhon Tuirc mu carson a chaidh toirt air plèana luchd-siubhail Sirianach a bh' air slighe eadar Mosgo agus Damascus làighe san Tuirc. Thuirt an Tuirc gun tug iad cargo mì-laghail a-mach às a' phlèana mus do leig iad air adhart air a slighe i, agus sguir Siria a' ceannach dealain bhon Tuirc agus an càirdeas eadar an dà dhùthaich a' sìor fhàs cugalach.

Eaconamaidh na h-Alba

Chan eil coltas sam bith gun tig adhartas air eaconamaidh na h-Alba a' chiad ghreis, agus Seòmraichean Malairt na h-Alba ag ràdh gur ann a tha cùisean nas miosa na bha dùil. Tha aithisg ùr na buidhne ag ràdh gu bheil cuid de roinnean a' fulang nas miosa na tha feadhainn eile, turasachd agus gnìomhachas an togail nam measg.

Pròiseactan Ath-nuadhachail

Bheir buidheann stiùiridh ùr sùil air dragh mu mhaill air pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan. Thuirt Edward Davey, Ministear Cumhachd na Rìoghachd Aonaichte, gum bi a' bhuidheann riaghaltais ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus ùghdarrasan ionadail nan Eilean. Bha Mgr Davey a' bruidhinn aig coinneimh ann an Glaschu far a bheil riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar ag iarraidh aonta nas fheàrr a thaobh na cosgais airson dealan à sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail anns na sgìrean iomallach a chur dhan Ghriod Nàiseanta. An-dràsta tha a' chosgais sin a' sìor èirigh mar às fhaide a tha an leasachadh à Lunnainn.

Oighreachd nam Bàgh

Thuirt a' mhòr-chuid aig coinneimh ann an sgìre nam Bàgh anns na Hearadh an-raoir, gu bheil iad airson gluasad air adhart leis an fhearann a cheannach don choimhearsnachd. Thuirt naoinear anns gach deichnear aig a' choinneimh gu bheil iad airson oighreachd anns a bheil 10,000 acaire a cheannach. Ma thachras sin bidh na Hearadh gu lèir fo smachd bhuidhnean coimhearsnachd.

Lance Armstrong

Thuirt luchd-lagha do Lance Armstrong, am fear-baidhseagail Aimeireaganach a th' air rèis an Tour de France a ghlèidheadh seachd tursan, nach eil ùghdarras sam bith sna casaidean na aghaidh mu dhrogaichean mì-laghail. Tha a' bhuidheann Aimeireaganach a tha a' strì an aghaidh dhrogaichean mì-laghail ann an spòrs, USADA, a' fàgail air Armstrong agus an sgioba aige gun robh iad an sàs anns an sgeama dhrogaichean cho seòlta 's a chaidh fhaicinn riamh ann an spòrs. Tha esan a' dol às àicheadh.

Rangers

Dh'innis cluba buill-choise Rangers gum feuch iad ri £20m a thogail le ballrachd ann an roinn-tasgaidh AIM air margaidh earrainnean Lunnainn. Chuireadh iad an t-airgead ri ceannach chluicheadairean ùra, agus a' leasachadh ghoireasan a' chluba.