Boglaichean Gallaibh gan càradh

  • 11 An Dàmhair 2012
Boglaichean Ghallaibh
Chaidh mòran chraobhan a chur air na boglaichean san sgìre sna 70an 's na h-80an.

Ghabh pròiseact a tha ag amas air na bogalaichean as motha san Roinn Eòrpa a ghlèidheadh ceum mòr air adhart.

Tha an fheadhainn air cùl a' phròiseict 'Flow to the Future' ann an Cataibh agus an Gallaibh an ìre mhath cinnteach às gum faigh iad taic-airgid luach còrr 's £4m bhon Chrannchur Nàiseanta.

Dheadh sin a dh'ionnsaigh pròiseict a tha ag amas air seachd mìle ceàrnagach de bhoglach a chur air ais mar a bha e uair.

Tha oifigear Gàidhlig Dhualchas Nàdair na h-Alba, (SNH), Emily Edwards, ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid e air adhart airson ìre a' chàrboin a lùghdachadh.

"'S i àrainn gu math sònraichte a th' ann do dhualchas nàdarra," thuirt i.

Tuilleadh Rannsachaidh

"Tha lusan is beathaichean anns an sgìre sin a tha cianail fhèin gann air feadh na Roinn Eòrpa.

"Tha SNH nam pàirt den chom-pàirteachas a tha a' ruith a' phròiseict seo, agus tha e gu bhith ag amas air am monadh seo a thoirt air ais gu mar a b'àbhaist dha a bhith, an dà chuid airson an dualchais nàdarra, agus cuideachd airson càrbon a stòradh.

"Anns na 70an agus na h-80an, chaidh craobhan a chur air a' mhonadh, agus tha sin air tòrr cron a dhèanamh.

"Feumaidh iad a-nis na craobhan a thoirt air falbh. Tha e a' leigeil a-mach a' chàrboin nuair a tha iad a' cur nan craobhan sin.

"Tha tòrr bhuannachdan an lùib a' phròiseict, air sgàth 's gum bi e a' tàladh tuilleadh luchd-turais, tuilleadh luchd-rannsachaidh. Bidh obraichean ann agus bidh e math don dualchas nàdarra.

"Ach tha buannachdan nas motha na sin gu bhith ann cuideachd, leis gum bi e a' stòradh tuilleadh càrboin, is tha sin gu bhith math airson Alba air fad.

"Tha e a' ciallachadh gu bheil e ag ìsleachadh a' chron a dh'fhaodadh atharrachadh na sìde a dhèanamh ann an Alba.

"Ach tha sinn feumach air tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air glacadh càrboin.

"Tha seo a' dol a thoirt ùine mhòir. Bidh iad ga dhèanamh beag air bheag.

"Tha e doirbh a ràdh co mheud bliadhna a bhios ann gus am bi e air ais mar a bha e roimhe, oir tha am pròiseas a th' ann a bhith a' cruthachadh mònadh, tha e a' toirt ùine mhòir - ach tha sinn gu math dòchsach gun urrainn dhuinn a dhèanamh," thuirt i.