Dùil ri buannachd do Linne Chrombaidh

  • 10 An Dàmhair 2012
Gàradh Bhàgh an Eige
Image caption Dh'fhaodadh an obair a bhithl luach £4.5bn thar còig bliadhna.

Foillsichear pàipearan Dimàirt airson gnìomhachas na h-ola 's a' ghas a chuideachadh nan ullachadh airson uidheaman a thoirt às a chèile.

Tha Oil & Gas UK ag ràdh gu bheil a bhith a' toirt seann chlàran agus pìoban às a chèile a' sìor fhàs cudromach.

Tha dùil ri mu 800,000 tunna de dh'uidheamachd a bhios ri thoirt às a chèile sna còig bliadhna a tha romhainn.

Tha Linne Chrombaidh cudromach airson na h-obrach seo, a dh'fhaodadh a bhith luach £4.5bn thar còig bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile