"Feumar leasachadh a dhèanamh nas fhasa" sna h-Eileanan Siar

  • 10 An Dàmhair 2012
Seòmar-comhairle
Image caption 'S iad Comhairle nan Eilean Siar a tha a' cumail na co-labhairt.

Coimheadaidh co-labhairt ann an Steòrnabhagh Dimàirt air dòighean ùra gus obair leasachaidh a bhrosnachadh aig ìre na coimhearsnachd.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar a chuir a' choinneamh air dòigh, agus sgrùdadh a rinn iad fhèin a' co-dhùnadh gu bheil obair leasachaidh a' sìor fhàs toinnte, gu h-àraid leis mar a tha coimhearsnachdan air smachd fhaighinn air an fhearann fhèin.

Tha a' cho-labhairt ag amas air a dhèanamh nas fhasa do choimhearsnachdan pròiseactan leasachaidh a thoirt gu buil, gu maith na h-eaconamaidh ionadail.

"Tha an suidheachadh air atharrachadh gu mòr air feadh nan coimhearsnachdan," thuirt Ceannard Roinn Leasachaidh agus Storais na Comhairle, Joe Mac a' Phì.

"Tha mòran dhiubh a' fastadh nan oifigearan aca fhèin, agus mòran dhiubh an sàs ann am pròiseactan a tha a' dol a thoirt teachd-a-steach a-steach dhaibh.

"Tha sinn airson a h-uile duine a thoirt còmhla, agus ag iarraidh a bhith a' faighneachd dhaibh "dè an dòigh as fheàrr air an urrainn dhan Chomhairle a bhith a' toirt seachad seirbheis?"

"Agus à sin, tha sinn an dòchas gun tig molaidhean, agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn air rud a chur air chois nas fheàrr na tha e," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile