Beachdan gan sireadh mu phrìsean sna h-Eileanan

Prìsean connaidh Tha prìsean connaidh anns na h-Eileanan air a bhith gu math nas àirde na air Tìr Mòr.

Chaidh ìmpidh a chur air muinntir nan Eilean Siar pàirt a ghabhail ann an sgrùdadh Oifis na Malairt Cothromaiche (OFT) air margaidhean ann an sgìrean iomallach.

Chùm an OFT coinneamhan ann an Steòrnabhagh Diluain, 's iad a' sireadh fiosrachaidh air mar a tha connadh, am measg rudan eile, ga ghiùlain is ga reic anns na h-Eileanan.

Thuirt BP nan Eilean, Aonghas Briannan MacNìll, gu bheil trioblaidean le na cùmhnantan eadar na bùithdean anns na h-Eileanan agus na companaidhean leithid Scottish Fuels a tha a' reic connaidh riutha, air sgàth 's gu bheil na bùithdean ceangailte ri cùmhnant a tha a' maireachdain suas ri còig bliadhna.

Tha Mgr MacNìll a' faireachdain gu bheil sin ro fhada.

Reic Chothromach

'S ann air bàta à Immingham, ann an Siorrachd Lincoln ann an Sasainn a tha an connadh a' tighinn dha na h-Eileanan, agus aig an ìre sin, 's ann le Phillips 66 a tha an connadh, ged is e Scottish Fuels a tha ga tharraing.

Chan eil Scottish Fuels, no Highland Fuels ga cheannach gus an là a tha iad ga thoirt às na tancaichean ann an Steòrnabhagh no Loch a' Chàrnain 's an uair sin tha iad ga reic ris na bùithdean.

A rèir Mhgr MhicNìll, tha an OFT riaraichte gu bheil a' phrìs air a dion fhad 's a tha an connadh air an t-slighe dha na h-Eileanan, ach 's ann air na thachras às dèidh sin a tha iad airson sgrùdadh a dhèanamh.

Margaidhean

Chaidh iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mionaideach agus tuigse air an t-suidheachadh, bruidhinn ris an OFT agus faodaidh iad sin a dhèanamh ann an dìomhaireachd.

Thuirt Ceannard an Leasachaidh aig Comhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair, gu bheil prìs a' chonnaidh a' toirt buaidh air gach gnìomhachas is dachaigh anns na h-Eileanan, agus ma tha prìsean àrda air Tìr Mòr a' toirt droch bhuaidh air an eaconamaidh an sin, 's ann nas miosa a tha cùisean anns na h-Eileanan.

''Tha an OFT a' faicinn gu bheil rudeiginn a' tachairt sa mhargaidh an seo 's chan eil iad air faighinn gu bun na cùise fhathast," thuirt e.

Feumar beachdan a chur dhan OFT ron 17mh dhen mhìos seo, agus thèid toradh an rannsachaidh fhoillseachadh aig toiseach na h-ath-bhliadhna.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.