Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thàinig an comharra as làidire fhathast bhon Phrìomhaire an-diugh gum faodadh referendum a bhith ann san ath-Phàrlamaid air àite Bhreatainn anns na Aonadh Eòrpach. Thuirt Dàibhidh Camshron aig co-labhairt nan Tòraidhean ann am Birmingham, gur e bhòt nàiseanta an dòigh as ciallaiche air taic fhaighinn, na bhriathran fhèin, airson aonta ùr leis an EU.

Eaconamaidh Bhreatainn

Tha eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte fhathast ann an cunnart a rèir na Maoin-airgid Eadar-nàiseanta. Tha an IMF ag ràdh nach fhàs an eaconamaidh cho math 's a bha dùil, agus thuirt a' bhuidheann, ma thachras sin, gum feum dàil a chur ann an gearraidhean an t-Seansalair airson na h-ath-bhliadhna.

Barclays

Tha Barclays a' gabhail thairis obair a' bhanca Dhùitsich ING Direct ann am Breatainn. Thèid cunntas còrr is 500,000 de luchd-cleachdaidh a ghluasad gu Barclays an ath-bhliadhna.

Liam Aitchison

Thèid dithis às na h-Eileanan Siar dhan Àrd-Chùirt ann an Glaschu air an ath-mhìos fo chasaid gur iad a mhuirt deugaire à Uibhist a Deas. Chaidh corp Liam Aitchison fhaighinn ann an togalach aig Stèidhnis faisg air Steòrnabhagh anns an t-Samhain an-uiridh. Cha do rinn Ionatan MacFhionnnghain, a tha 22, agus Stefan Miller a tha 20, tagradh sam bith nuair a nochd iad sa chùirt ann an Inbhir Nis fo chasaid muirt, agus chaidh an saoradh air urras.

Baile na Cille Bige

Chaidh plana airson baile ùir anns an Eilean Sgitheanach a ghluasad agus Sabhal Mòr Ostaig a' ceannach 40 acair de thalamh bho Urras Fearainn Chloinn Dòmhnaill ann an Slèite. 'S e Baile na Cille Bige an t-ainm a bhios air, 's tha Comhairle na Gàidhealtachd air cead-dealbhachaidh a thoirt dha ann am prionnsabal mar thà.

Baile na h-Àithne

Tha tèarainnteachd mhòr anns an Àithne, prìomh bhaile na Grèige, airson turas Sheansalair na Gearmailt Angela Merkel. Seo a' chiad turas aice dhan Ghrèig bho thòisich èiginn Sòn an Euro bho chionn faisg air trì bliadhna.

Prìs a' Chonnaidh

Chaidh gealltainn gun lean strì anns na h-Eileanan Siar airson gearradh ann am prìs a' chonnaidh an dèidh do dh'Oifis na Malairt Cothromaiche tadhail ann an Steòrnabhagh an-dè, agus iad a' rannsachadh phrìsean connaidh air feadh na dùthcha. Tha Comhairle nan Eilean Siar, agus Buill-Phàrlamaid na sgìre ag iarraidh air muinntir nan Eilean beachdan a chur ris an rannsachadh a thèid fhoillseachadh aig toiseach na h-ath-bhliadhna.