Coinneamh mu Oighreachd nam Bàgh a cheannach

  • 9 An Dàmhair 2012
Na Bàigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chuir mòr-chuid mar thà an taic ris an oighreachd a cheannach.

Bidh coinneamh ann an Leac an Lì anns na Hearadh an t-seachdain seo a bhruidhinn air oidhirp coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh a cheannach.

Bidh riochdairean ann bho Urras Cheann a Tuath na Hearadh agus Urras Taobh Siar na Hearadh gus ceistean a fhreagairt.

Aig coinneamh nas tràithe am bliadhna, chuir mòr-chuid taic ri dhol air adhart leis an iomart.

Bidh a' choinneamh ann an Talla Leac an Lì, oidhche Chiadain (10mh) aig 8:00f.

"A' cheist a thèid a chur Diciadain, 's e am b'fhiach dhuinn an tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh an toiseach," thuirt Ceannard Comhairle Choimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh, Hamish Mac an Tàillear.

"Airson barrachd fiosrachaidh a bhith aig daoine airson an inntinn a dhèanamh an-àirde an uair sin na bu choileanta," thuirt e.