Fearann na Cille Bige air a cheannach

An Tùr aig Sabhal Mòr Ostaig 'S ann air iomall àrainn na colaiste a tha am fearann.

Tha plana airson baile ùr a thogail an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich air adhartas a dhèanamh, 's Sabhal Mòr Ostaig air mu 40 acair de thalamh a cheannach bho Urras Fearainn Chloinn Dòmhnaill.

'S ann air oir àrainn na colaiste a tha am fearann air an tèid am baile ùr a thogail.

Fhuair am plana airson Baile na Cille Bige cead dealbhachaidh am prionnsabal bho Chomhairle na Gàidhealtachd sa Ghiblean.

Chaidh iarrtas a dhèanamh airson airgead bhon Mhaoin Leasachaidh Sgìreil Eòrpaich, Riaghaltas na h-Alba agus Iomart na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Coimhearsnachd

Tha taigheadas air prìs reusanta gu math gann ann an Slèite, agus tha am pròiseact ag amas air cothrom a thoirt do dhaoine fuireach san sgìre.

"'S e plana a bha seo a bh' aig Urras Chloinn Dòmhnaill an toiseach, ach thàinig iadsan gu suidheachadh far an do thuig iad nach b'urrainn dhaibh an t-airgead a thogail," thuirt Cathraiche an t-Sabhail Mhòir, an Siorram Ruairidh Iain MacLeòid.

"Ach bha an cothrom ro mhath, agus bha sinne airson a thoirt air adhart, a chum maith na colaiste fhèin, agus maith na coimhearsnachd ann an Slèite.

"Tha uireasbhaidhean air a' cholaiste an-dràsta, 's tha ann an coimhearsnachd Shlèite a thaobh rudan mar taigheadas, agus cuideachd ionad spòrs.

"Bidh faisg air 100 taigh air an làraich aig a' cheann thall. Bidh togalaichean acadaimigeach ann, 's ionad cho-labhairtean ann, bùth, taigh-òsta beag, agus mar sin 's e baile dha-rìribh, 's e coimhearsnachd a bhios ann," thuirt e.

Tha dùil gum bi suas ri 20 bliadhna ann mus bi am baile ùr air a chrìochnachadh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.