Barraigh is Bhatarsaigh as Gàidhealaiche

Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh Sheall an tagradh gu bheil an cànan gu math follaiseach gu làitheil sa choimhearsnachd.

'S iad Barraigh is Bhatarsaigh a fhuair duais Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna 2012.

'S e seo an treas bliadhna den fharpais, air a bheil Gleus, agus a tha a' toirt aithne don obair a tha coimhearsnachdan a' dèanamh gus piseach agus fàs a thoirt air a' Ghàidhlig aig ìre ionadail.

Tha £3,000 an cois na duaise.

'S iad Comunn na Gàidhlig (CnaG) a tha a' ruith na farpais, mar phàirt den chùmhnant leasachaidh a th' aca le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Beatha chultarail

"Chaidh na tagraichean a mheasadh a thaobh cleachdadh na Gàidhlig, gu sònraichte am measg òigridh, follaiseachd na Gàidhlig sa choimhearsnachd, agus cothroman foghlam agus cùram cloinne fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt Manaidsear HIE airson Innse Gall.

"Rinn tagradh Bharraigh is Bhatarsaigh follaiseach gun robh a' choimhearsnachd làidir a thaobh cleachdadh làitheil na Gàidhlig, le mòran thachartasan Gàidhlig a tha a' cur gu mòr ri beatha chultarail an eilein, gach cuid airson muinntir an àite fhèin agus luchd-turais," thuirt e.

'S e Slèite san Eilean Sgitheanach a fhuair an dàrna duais, luach £1,500, agus Ceann a Deas nan Loch ann an Leòdhas a thàinig san treas àite, 's iadsan a' faighinn £500.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.