61 croitear ùr air fearann fhaighinn

Talamh-croite Thòisich obair gus na croitean a shaoradh mus deach Coimisean ùr na Croitearachd a chur air bhonn am bliadhna.

Tha 61 duine air cothrom fhaighinn tòiseachadh ann an croitearachd ri linn Coimisean na Croitearachd a bhith a' toirt chroitean bho neo-làthairich.

Thòisich obair air tighinn teann air feadhainn aig an robh croitean gun a bhith gan obrachadh no gun a bhith a' fuireach faisg orra mus deach cruth ùr a thoirt air a' Choimisean na bu tràithe am bliadhna.

Tha cumhachd aig a' Choimisean croitean a thoirt bho neo-làthairich fad-ùine fo Achd nan Croitearan (Alba) 1993, agus fo Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd (Alba) 2010.

An t-ionnsachadh òg

Ann am brath-naidheachd a dh'fhoillsich an Coimisean, thug iad aire gu dithis de na th' air croitean fhaighinn: Donnchadh MacCòmhghan, a fhuair croit air a' Chomraich, agus Alasdair Jappy, a fhuair croit ann am Brùra, ann an Cataibh.

Chaidh Mgr MacCòmhghan a thogail air croit, agus tha e ag amas air tòiseachdainn le treud bheag chaorach, 's leudachadh à sin gu mucan, cearcan agus a bhith a' cur glasraich.

Tha teaghlach òg aig Mgr Jappy, agus tha e airson cothrom a thoirt dhaibh ionnsachadh 's iad òg mu thùs a' bhìdh.

Start Quote

Tha sinn airson 's gun tèid barrachd dhaoine òga an sàs ann an croitearachd”

End Quote Susan Walker Neach-gairm, Coimisean na Croitearachd

Tha Neach-gairm ùr a' Choimisein, Susan Walker, ag ràdh gu bheil a bhith a' dèanamh seo a' toirt spionnaidh do bheatha choimhearsnachdan dùthchail nan sgìrean croitearachd.

Sgilean Riatanach

"Nuair a nì sinn co-dhùnadh, no a leasaicheas sinn poileasaidh, feumaidh sinn maith na coimhearsnachd croitearachd ionadail a chumail air aire," thuirt i.

"Feumaidh sinn beachdachadh air a' bhuaidh a bhios aig a' cho-dhùnadh againn air cho seasmhach 's a tha a' choimhearsnachd sin.

"Tha an dà eisimpleir seo a' dèanamh an dearbh rud sin.

"Tha Donnchadh 's Alasdair air tòiseachadh ann an croitearachd, le planaichean gus feum a dhèanamh às ùr de na croitean a fhuair iad.

"Chan e a-mhàin sin ge-tà, le Donnchadh ag obair mar fhear-togail is saor, agus Alasdair na cheàrdaiche, tha iad a' glèidheadh sgilean riatanach sna coimhearsnachdan aca.

"Tha sinn airson 's gun tèid barrachd dhaoine òga an sàs ann an croitearachd, agus tha sinn toilichte gu bheil co-dhùnaidhean a' Choimisein a' tòiseachadh air barrachd chroitean a shaoradh don fheadhainn a tha ag iarraidh fuireach agus obrachadh ann an coimhearsnachdan croitearachd," thuirt i.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.