Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

April Jones

Tha fireannach 46 bliadhna de dh'aois air a bhith anns a' chùirt anns a' Chuimrigh fo chasaid gun tug e an nighean bheag April Jones am bruid agus gun do mhuirt e i. Bha Mark Bridger a' gal fhad 's a bha na casaidean gan leughadh anns a' chùirt an Aberystwyth. Chaidh a chumail an grèim 's thèid e air beulaibh Cùirt a' Chrùin ann an Caernarfon Diciadain.

Co-labhairt nan Tòraidhean

Thuirt ceannard Tòraidhean na h-Alba gum feumar a' chùis a dhèanamh gu làidir air an iomairt airson neo-eisimeileachd anns an referendum a tha ri teachd. Bha Ruth Davidson a' dèanamh òraid aig co-labhairt a' phàrtaidh ann am Birmingham. Thuirt i gur e "urram" a bh' ann a bhith mar phàirt den Aonadh, 's dh'iarr i air Tòraidhean an làn-thaic a chur ris an iomairt airson a ghlèidheadh.

Prìs a' Chonnaidh

Tha riochdairean bho Oifis na Malairt Cothromaiche anns na h-Eileanan Siar an-diugh, 's iad a' rannsachadh suidheachadh a' chonnaidh. Coinnichidh iad ri grunn bhuidhnean, 's iad a' coimhead air an diofar a tha eadar prìsean anns na h-Eileanan agus air Tìr Mòr. Tha iad cuideachd gu bhith a' rannsachadh na tha de cho-fharpais eadar na diofar chompanaidhean a tha a' lìbhrigeadh connaidh sna h-Eileanan.

Croisean-rèile

Tha rannsachadh ga dhèanamh air tubaist aig crois-rèile ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh. Chaidh òganach 18 bliadhna de dh'aois a thoirt dhan ospadal ann an Glaschu 's e air a dhroch ghoirteachadh. Bhuail an càr a bha e a' dràibheadh agus trèana na chèile ann am baile Dunragit feasgar an-dè.

Teicneòlas ùr Slàinte

Seallaidh nursaichean coimhearsnachd anns na h-Eileanan Siar teicneòlas ùr do Rùnaire na Slàinte, Ailig Neill, nuair a thadhaileas e air Steòrnabhagh an-diugh. Tha iad air tòiseachadh a' cleachdadh pheanaichean didseatach. Tha iad a' gearradh air na tha de dh'obair clèireach ri dhèanamh. Tha camarathan beaga anns na peanaichean , 's fhad 's a tha an nurs a' sgrìobhadh nòtaichean leis anns a' choimhearsnachd, tha e ga chlàradh aig an aon àm ann an stòr-data air ais anns an oifis.

Duais Nobel

Chaidh fhoillseachadh bho chionn beagan mhionaidean gun do bhuannaich am fear-saidheans Breatannach Sir John Gurdon duais Nobel airson Dotaireachd. Chaidh a toirt dha fhèin 's do a chompanach à Iapan Shinya Yamanaka. Fhuair iad i airson na rinn iad de rannsachadh air bun-cheallan.

Soidhne Gàidhlig sa Chuimrigh

Tha a' chompanaidh bhùithdean ASDA a' coimhead air mar a chaidh soidhne Gàidhlig dà-chànanach a chur an-àirde aig tè dhe na bùithdean aca anns a' Chuimrigh. Tha an soidhne a' mìneachadh a' phoileasaidh air parcadh do chiorramaich. Ach gu mì-fhortannach 's iongantach gu bheil Gàidhlig aig mòran a chì e sa Chuimrigh.