Gàidhlig ga brosnachadh aig bun-sgoil Bheurla ann an Glaschu

  • 8 An Dàmhair 2012
Clann ag ionnsachadh
Image caption Gheibh a' chlann leasanan cànain shìmplidh tron bhliadhna.

Thèid tachartas air a bheil Là Mòr na Gàidhlig a chumail aig Bun-sgoil Gholfhill, ann an Dennistoun an Glaschu Diluain.

Chan eil a' Ghaidhlig ga teagasg aig an sgoil an-dràsta, ach tha Comhairle Bhaile Ghlaschu airson 's gum bi an roghainn sin ann.

"Tha iad a' tòiseachadh Gàidhlig an-diugh airson a' chiad turais, agus 's e dìreach tachartas a th' ann airson sin a chomharrachadh," thuirt Fear-labhairt na Comhairle, Pòl Cassidy.

"Dh'fhòn an ceannard aca an oifis againne, 's bha i ag iarraidh taic le bhith a' lorg stuthan airson Gàidhlig.

Cànan Sìmplidh

"Choinnich mi rithe, agus an uair sin rinn mi beagan trèanaidh leis an luchd-obrach.

"'S an uair sin thàinig mi suas leis a' bheachd a bha seo, Là Mòr na Gàidhlig a bhith ann," thuirt e.

Tha an tachartas a' gabhail àite ri linn iomairt aig Riaghaltas na h-Alba, ris an canar am Plus2Strategy.

"Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gum bi trì chànanan ann an gach bun-sgoil air feadh Alba.

"Tha Bun-sgoil Gholfhill a' dèanamh Beurla agus Fraingis mar thà gu h-oifigeil, agus mar treasamh cànan, tha iad ag iarraidh gum bi Gàidhlig aca.

"Tha sgoilearan bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' dol a thighinn gu Bun-sgoil Gholfhill, agus tha iadsan gu bhith a' cluich ionnstramaidean.

Michelle McManus

"Cuideachd tha mise gu bhith a' dèanamh taisbeanaidh a thaobh dè th' ann an Gàidhlig, ach am bi fios aca càite a bheil daoine a' bruidhinn Gàidhlig, is co mheud dhaoine a tha ga bruidhinn fhathast.

"Cuideachd tha Michelle McManus a' dol a thighinn ann.

"'S ann air taobh an ear Ghlaschu a tha Bun-sgoil Gholfhill, agus 's ann à taobh an ear Ghlaschu a tha Michelle McManus.

"Tha i fhèin ag ionnsachadh Gàidhlig, agus tha ise a' dol a dh'innse do na sgoilearan carson a tha ise ag ionnsachadh Gàidhlig, agus dè na rudan a tha math mu dheidhinn.

"Às dèidh an là a tha seo, tha na sgoilearan gu bhith ag ionnsachadh cànain shìmplidh anns na seòmraichean-teagaisg aca thairis air a' bhliadhna.

"Agus tha iad gu bhith ga cleachdadh mar chànan làitheil, can, "cò ris a tha an t-sìde coltach?" is rudan sìmplidh mar sin.

"Bidh iad dìreach a' faighinn cothrom Gàidhlig a bhruidhinn gach là - aig ìre shìmplidh ge-tà.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gur e rud a tha math, agus ma tha iad ag iarraidh barrachd a dhèanamh le sin, 's urainn dhaibh sin a dhèanamh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile