OFT a' coimhead ri prìs a' chonnaidh sna h-Eileanan Siar

  • 8 An Dàmhair 2012
Prìs a' chonnaidh sna h-Eileanan Siar
Thàinig àrdachadh 40% air prìs a' chonnaidh bhon Ògmhios 2007.

Bidh riochdairean bho Oifis na Malairt Cothromaich sna h-Eileanan Siar Diluain a' rannsachadh phrìsean àrda a' chonnaidh agus cion farpais am measg chompanaidhean a tha ga reic.

Tha cuid air a bhith a' dèanamh dheth gur e cho làidir 's a tha a' chompanaidh Scottish Fuels sna h-Eileanan a tha a' fàgail nam prìsean cho buileach àrd.

Thàinig àrdachadh 40% ann am prìs a' pheatroil agus an diesel eadar Ògmhios 2007 agus Ògmhios na bliadhna seo.

Prìs reusanta

Tha e air a bhith gu h-àraid cruaidh air muinntir nan eilean.

Nì sgioba bhon OFT rannsachadh air an adhbhar gu bheil na prìsean cho àrd anns na h-Eileanan an taca ri Tìr Mòr, a dh'aindeoin sgeama bun-phrìs an Riaghaltais.

Bruidhnidh iad ri riochdairean bho ghnìomhachasan ionadail, luchd-reic agus luchd-malairt a' chonnaidh agus luchd-iomairt a th' air a bhith a' strì airson phrìsean nas reusanta.

Coimheadaidh iad cuideachd air casaidean gu bheil cion farpais am measg chompanaidhean a tha a' toirt connaidh dha na h-Eileanan feuch a bheil sin dha-rìribh a' cur nam prìsean an-àirde.

Thèid torradh an rannsachaidh fhoillseachadh san Fhaoilleach.