Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

April Jones

Thuirt Poilis sa Chuimrigh gu bheil iad a-niste a' ceasnachadh duine a tha 46 bliadhna de dh'aois, fo amharas mu mhurt na h-ìghne bige April Jones. Tha Mark Bridger a' fuireach faisg air Machynlleth far an deach April, 5 bliadhna de dh'aois, fhaicinn mu dheireadh Diluain. Thuirt Poilis gun lean iad orra a' coimhead air a son.

Poilis Chleveland

Chaill Àrd-Chonstabal Phoileas Chleveland, Sean Price, a dhreuchd an dèidh rannsachaidh a cho-dhùin gun do dh'innis e breugan. Cho-dhùin èisteachd peanais gun do dh'innis e breugan do Choimisean Neo-eisimeileach Gearain mu na Poilis mu a phàirt-san ann a bhith a' toirt obair do nighean fhir a bha aig aon àm a chathraiche air ùghdarras poilis. Dh'iarr e cuideachd air cuideigin eile den luchd-obrach aige breugan innse.

Sochairean An Asgaidh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun lean iad orra a' toirt seachad shochairean an asgaidh mar siubhail air bus do sheann daoine, cungaidhean-lèighis, agus cùram pearsanta, a dh'aindeoin rabhaidh mun chosgais. Tha Raibeart Black, a thug 12 bliadhna mar Àrd-Fhear-Sgrùdaidh do dh'Alba, a' ceasnachadh dè cho fada 's a thèid aig an Riaghaltas air na sochairean sin a chumail a' dol leis mar a tha cosgaisean a' sìor èirigh.

Galar Tropaigeach

Tha duine san ospadal ann an Glaschu a' fulang le galar tropaigeach. Tha an duine a tha 38 bliadhna de dh'aois, gu math ìosal, agus ga chumail na aonar, agus fiabhras air ris an canar Crimean-Congo Hemorrhagic Fever. Chaidh a chur dhan ospadal goirid an dèidh dha tighinn far plèana Emirates à Dubai Dimàirt. Tha na h-ùghdarrasan slàinte ag ràdh gum bu chòir do dhaoine eile a bh' air a' phlèana sin a dhol gu dotair.

Ceannard-sgoile

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd dàil air agallamhan airson ceannaird ùir do Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis seach gu bheil e, a rèir choltais, air faileachadh orra a-rithist ceannard le Gàidhlig fhaighinn. Ged nach tàinig dearbhadh bhon Chomhairle, tha Radio nan Gàidheal a' tuigsinn gur i ceannard eadar-amail na sgoile, Anneka Jansen, aig nach eil Gàidhlig, an aon tagraiche airson na dreuchd làn-ùine.

Aonad-smàlaidh Shlèite

Tha a h-uile coltas gun dùin stèisean-smàlaidh Shlèite san Eilean Sgitheanach ro dheireadh na bliadhna. Tha an sgìre air a bhith gun sheirbheis airson còrr is bliadhna, leis nach tèid gu leòr bhon choimhearsnachd an sàs ann gu saor-thoileach, a dh'aindeoin gach oidhirp a rinn Seirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Bidh àrd-oifigearan a' moladh a-niste an stèisean a dhùnadh gu lèir nuair a choinnicheas bòrd na seirbheis air an ath-mhìos.