Bùth bhiadh ionadail do Bharraigh is Bhatarsaigh ga moladh

  • 5 An Dàmhair 2012
Bàgh a' Chaisteil
Dh'iarr a' choimhearsnachd gum biodh a' bhùth ann am Bàgh a' Chaisteil.

Tha muinntir Bharraigh 's Bhatarsaigh a' beachdachadh air bùth choimhearsnachd a stèidheachadh airson biadh bhon sgìre fhèin a reic.

Fhuair Comann Àiteachais 's Gàirnearalachd na sgìre £10,000 bhon Chrannchur Nàiseanta gus sgrùdadh a dhèanamh airson faicinn an obraicheadh e.

Bhiodh a' bhùth a' reic ghlasraich, feòla agus èisg agus eile às an sgìre.

Tha dòchas ann gun cuireadh a' bhùth ri teachd a-steach chroitearan, iasgairean agus daoine aig a bheil garraidhean.

Nas Fheàrr Dheth

"Tha sinn an dòchas gum faigheamaid àite a dh'fhaodamaid a cheannach am Bàgh a' Chaisteil, agus bhiodh bùth stèidhichte am Bàgh a' Chaisteil làn-ùine," thuirt Màiri Anna Fhearghasdan, a tha an sàs sa Chomann.

"Tha an t-airgead a fhuair sinn bhon Chrannchur Nàiseanta gu bhith air a chosg air rannsachadh a dhèanamh air dè na rudan a dh'fhaodadh a bhith againn airson na bùtha agus ciamar a dh'obraicheadh i.

"Tha beagan rannsachaidh air a dhèanamh mar thà le ceisteachain a' dol a-mach a' faighneachd do dhaoine dè tha a' cur bacadh orra o bhith a' ceannach stuth ionadail 's rudan mar sin, 's nam biodh e ri fhaighinn dè bhiodh iad ag iarraidh.

"Agus tha daoine ag ràdh gur e an rud a bhith goireasach, 's daoine ag ràdh gun robh iad ag iarraidh bùth am Bàgh a' Chaisteil.

"Ach tha sinn an uair sin a' dol a thogail air an rannsachadh a tha sin, a bhruidhinn ri croitearan, iasgairean, duine sam bith a tha a' dèanamh sgàth sa choimhearsnachd ach am faic sinn dè nam b'urrainn dhaibhsan an stuth a chur a-steach dhan bhùthaidh.

"Tha sinn airson a bhith a' reic rud sam bith a tha duine sam bith às an àite deònach a dhèanamh 's a chur thugainne airson a reic.

"Can as t-Samhradh, a' coimhead airson leiteas is rudan mar sin a bhios daoine a' fàs, ged nach biodh ann ach fiù 's iad a' fàs beagan air an son fhèin, ma bhios dad a bharrachd aca gun gabhadh e cur a-steach dhan bhùthaidh, càl, currain, tuinneap, buntàta - rud sam bith mar sin a thaobh bìdh.

"Agus air an làmh eile rudan a tha daoine a' dèanamh anns an àite a thaobh rudan a tha iad a' fighe no a' fuaigheal, no obair-làimhe sam bith - ach bidh e cudromach gum bi rudan air an dèanamh anns an àite.

"Ma tha pròiseact mar seo ag obair ann an coimhearsnachd, tha còir gun dèanadh e a' choimhearsnachd nas fheàrr dheth.

"Tha thu a' coimhead air biadh fhaighinn nas fhaisge air làimh, agus an t-airgead a bhiodh air a chosg anns a' bhùthaidh, cha bhi e ach a' dol timcheall sa choimhearsnachd.

"Chan fheum thu uidhir de na rudan sin a cheannach o thaobh a-muigh an eilein," thuirt i.