Iomairt Oxfam an aghaidh "Fuadaichean"

  • 4 An Dàmhair 2012
Tuathanach Image copyright Getty Images
Image caption 'S ann airson bio-chonnaidh a tha cuid mhòr den fhearann a thèid a cheannach, leis na daoine a' call an cuid talmhainn.

Cuiridh Oxfam iomairt air bhonn airson stad a chur air a bhith a' reic fearainn ann an dùthchannan bochda ri companaidhean prìobhaiteach.

Tha Oxfam ag ràdh gu bheil gu math tric fearann ga reic gu mì-laghail ri companaidhean mòra airson prothaid, ann an dùthchannan anns nach eil fearann gu leòr aig daoine airson biadh fhàs dhaibh fhèin.

Tha sin a' fàgail dhaoine gun roghainn ach an dachannan fhàgail agus gluasad dha na bailtean mòra.

Tha Oxfam ga shamhlachadh ris na Fuadaichean ann an Alba.

Bio-chonnadh

Tha an iomairt air taic fhaighinn bhon chleasaiche Peter Capaldi, a chuir ainm ri litir còmhla ri iomadach sgrìobhadair agus neach-ealain bho air feadh an t-Saoghail.

Ann an litir fhosgailte do Bhanca na Cruinne, thuirt iad: "'S aithne dhuinn Cabhaig an Òir, agus Cabhaig na h-Ola. A-nise tha Cabhaig an Fhearainn a' dol: sgainneal falaichte na 21mh Linne air am feum sinn stad a chur.

Image copyright Oxfam
Image caption Chaidh an iomairt a chur air bhonn ann an Glaschu.

"Le prìs a' bhìdh a' sìor èirigh, dh'fhaodadh gum faic sinn barrachd chompanaidhean ag amas air fearann a cheannach airson prothaid a dhèanamh. Tha dòighean dìon a dhìth. Gu luath."

Tha an iomairt a' tighinn agus Oxfam a' foillseachadh aithisg ùir, Our Land, Our Lives, a tha a' sealltainn gur ann an dùthchannan le fìor thrioblaid acrais a bha còrr is 60% den in-ionmhas eadar-nàiseanta ann an talamh àitich eadar 2000 agus 2010.

Tha dà thrian, tha an aithisg ag ràdh, de na companaidhean agus buidhnean a tha an sàs an dùil a h-uile rud a dh'fhàsas air an fhearann sin a reic a-null thairis, agus bha cha-mhòr 60% de dh'aontaichean fearainn airson bàrr a ghabhas cleachdadh mar bhio-chonnadh.

A rèir fhigearan Oxfam, bha trì uidhir de dh'aontaidhean fearainn a' gabhail àite ann an 2008 - 2009, nuair a bha prìs a' bhìdh gu math àrd, 's a bha roimhe.

Aig an àm sin bha companaidhean a' faicinn cothrom math airson prothaid mhòr a dhèanamh.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh air Banca na Cruinne ionnsachadh bho eachdraidh nam Fuadaichean ann an Alba, agus stad a chur rè ùine air taic-airgid airson in-ionmhais àiteachais a thaobh fearainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile