20 oifis Comhairle a' falbh air Ghàidhealtachd

  • 3 An Dàmhair 2012
Prìomh Oifisean Comhairle na Gàidhealtachd
Dh'fhaodadh gun tèid prìomh oifisean na Comhairle an Inbhir Nis a reic.

Thèid Comhairle na Gàidhealtachd air adhart le plana gus cuidhteas fhaighinn de thimcheall air 20 oifis a th' aca eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain.

Coimheadaidh iad ri dìreach dà oifis a bhith aca anns gach baile.

Dh'fhaodadh e fàgail gun tèid prìomh oifisean na Comhairle air Rathad Ghlinn Urchardain an Inbhir Nis a reic.

Ghabh Comataidh Ionmhais is Stòrais na Comhairle ri moladh bho oifigearan gun deadh tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air càite am bu chòir oifisean ùra goireasach a thogail.