Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùmhnant Rèidhle an loighne an iar

Chaidh na h-uidhear a sheirbhisich chatharra a chasg bhon obair fhad 's a tha rannsachadh ann mun an dòigh san do thuit a' chùmhnant airson seirbhisean rèidhle loidhne a Chost an Iar as a' chèile. Thèid a chùmhnant a-mach gu tairgse a-rithist an dèidh dhan an Riaghaltas aideachadh gun deach mearachdan a dhèanamh a' chiad thuras. Na bu tràithe am bliadhna chaidh a chùmhnant a thoirt dhan buidhean First Group, a tha stèidhichte ann an Obair Dheathain, ach thog Virgin Trains aig a bheil a chùmhnant an-dràsta, tagradh laghail an aghaidh sin. Bidh Virgin Trains a' ruith nan seirbhisean gus an tèid pròiseas tairgse ùr a dhèanamh.

Iomart feuch April Jones a lorg

Chuir polais seachad an dàrna oidhche a' coimhead airson April Jones, an nighean bheag a thugadh am bruid as a Chuimrigh oidhche Luain. Tha iad a' ceasnachadh fear a bhoinneas dhan an sgìre, Mark Bridger, a tha 46. Tha na polais ag iarraidh air muinntir na sgìre a bha gan cuideachadh, an obair fhàgail aca fhèin a-niste, agus dragh ann mun a chunnart bho thuiltean anns an sgìre.

Tiodhlaigeadh bana-pholas

Bidh ceudan de dh'oifigearan polais bho air feadh Bhreatain air gach taobh de shràidean Manchester an-diugh airson tiodhlaigeadh Nicola Hughes, tè de dhithis bhana-pholas a chaidh a mharbhadh ann an ionnsaigh gunna agus grenade bho chionn colla deug. Bidh tiodhlaigeadh a companach, Fiona Bone, ann am-màireach.

Dragh mun MOD 's pròiseactan gaoithe

Tha Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba a' fàgail air Ministrealachd an Dion gu bheil iad a' cur bacadh air pròiseactan cumhachd gaoithe anns na h-Eileanan. Tha Alasdair Allan a' cumail a-mach gu bheil an MOD a' cur an aghaidh a h-uile pròiseact a tha san amharc ann an Uibhist agus nach eil iad deònach bruidhinn ris na companaidhean a tha air an cùlaibh. Thuirt an MOD gu bheil iad a' dèiligeadh ris a h-uile pròiseact mar a thig iad.

Ospadal an Ath Leathain dùinte do dh'euslaintich ùra

Dhùin NHS na Gàidhealtachd Ospadal an Ath-Leathain san Eilean Sgitheanach do dh'euslaintich ùra agus chaidh iarraidh air a' mhòr-shluagh gun tadhal air an togalach. Tha tinneas noro-virus air euslaintich agus na h-uidhear dhen a luchd-obrach.

Toglaichean Chomhairle na Gàidhealtachd

Dh'fhaodadh Comhairlichean na Gàidhealtachd a' chiad cheum a ghabhail an-diugh gu faighinn caoidhteas a' mhòr-chuid de na h-oifisean aca ann an Inbhir Nis agus ann an Inbhir Pheofharain. Thogadh iad feadhain ùra nan àite - ach cha bhiodh ach trì no ceithir a thogalaichean eadar an dà bhaile, seach na dhà thar fhichead a th'ann an-dràsta. Agus 's dòcha gun tèid prìomh oifis Chomhairle na Gàidhealtachd air Rathad Ghleann Urchardain ann an Inbhir Nis a reic.

Gearradh Choithionalan

Tha connspaid ann mu phlana Eaglais na h-Alba airson an àireamh mhinistearan agus coithionalan ann an clèir Lochcarrain agus an Eilean Sgitheanach a ghearradh. Gheibh na coithionalan cothrom beachdachadh air seo aig deireadh na mios. Fo na planaichean, dheigheadh an t-Ath Leathain 's Slèibhte, Caol Loch Aillse, Ceann Tàile agus Gleann Eilg a chur còmhla mar aon choithional. Tha a' chonnspaid as motha ann ge ta, mun mholadh airson coithional Shniothasoirt a' sgaradh na tri piosan - aon earrain còmhla ri Port Rìgh, earrain eile còmhla ri Cille Mhoire 's Steinnseal 's pìos eile a' dol còmhla ri Bracadal 's Diùranais.

Spòrs

Tha Celtic san dàrna àite sa bhuidhean aca san Champions League an dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh san Ruis 3-2 an aghaidh Spartak Moscow, a' chiad turas riamh a tha Celtic air geàm a ghlèidheadh air falbh bhon an taigh aig ìre na buidhne san Champions League.