Caisteal cheatharnaich chliùitich ga chàradh?

Caisteal Loch an Doirb Chaidh an caisteal a sgrios ann an 1458 fo òrdugh Rìgh Seumas II.

Tha companaidh chumhachd ath-nuadhachail ag ràdh gun cosg iad airgead air seann chaisteal a dhaingneachadh ma gheibh pròiseact a th' aca san amharc cead.

'S ann air eilean beag ann an Loch an Doirb, air Mòinteach Dhamh-Ath, a tha seann chaisteal Alasdair Stiùbhairt - Alasdair Mòr Mac an Rìgh, ris an canar "Madadh-allaidh Bhàideannaich."

'S esan agus a chòmhlan de cheatharnaich a dh'fhàg Cathair-eaglais Eilginn na tòbhta sa bheil i an-diugh, 's iad a' toirt creiche air a' bhaile ann na 1390.

Tha an caisteal aige a-nis clàraichte mar Chuimhneachan Àrsaidh. Chaidh a sgrios ann an 1458, fo òrdugh Rìgh Seumas II.

Tha a' chompanaidh Infinergy, a tha ag iarraidh 17 crainn-ghaoithe a chur an-àirde air a' mhòinteach seachd mìle air falbh aig Tom nan Clach faisg air Tom Aitinn, ag ràdh gun cuir iadsan airgead a dh'ionnsaigh a bhith a' càradh bhallachan a' chaisteil ma gheibh am pròiseact cead.

'S ann fo shealbh Oighreachd Chaladair a tha an caisteal - agus am fearann air a bheil a' chompanaidh airson na crainn-ghaoithe a chur an-àirde.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.