Cùis Dhòmhnaill MhicChoinnich "fhathast fosgailte"

  • 3 An Dàmhair 2012
Dòmhnall MacCoinnich Image copyright Other
Image caption Bha Dòmhnall MacCoinnich a' sireadh fianais air Àirc Noah.

Tha bràthair mhiseanairaidh Chrìosdail à Leòdhas a chaidh à fianais 's e a' sireadh làraich ghrunnachaidh Àirc Noah, ag ràdh gun do dh'innis na h-ùghdarrasan san Tuirc gu bheil a' chùis "fhathast fosgailte."

Chunnacas Dòmhnall MacCoinnich mu dheireadh beagan is dà bhliadhna air ais air Beinn Ararat, faisg air crìoch na Tuirc ri Ioran.

Tha a bhràthair Derick air a dhol chun na Tuirc feuch an cluinn e mu na dh'èirich dha a bhràthair.

Tha prògram aithriseach ga dhèanamh mun turas aige.

Anns na beagan làithean mu dheireadh fhuair e lorg air bhana a bhràthar, a chaidh fhàgail ann an raon-dùinte phrìobhaideach leis na Poilis.

A' sgrìobhadh sa bhlog aige, thuirt e gun d'fhuair e lorg, gu h-iongantach, air seacaid a bhiodh Dòmhnall a' cur uime 's e a' coiseachd air Beinn Ararat, am broinn a' bhana.

Dh'innis e cuideachd mu thuras a ghabh e gu oifis an fhir-chasaid phoblaich ionadail, far an deach innse dha gun robh a' chùis "fhathast fosgailte."

Tha eagal air teaghlach Dhòmhnaill gun deach a mhurt le feadhainn a bha feargach leis gun robh e a' teagasg Crìosdaidheachd ann an dùthaich Ioslamaich.

Thuirt Derick gun do bhruidhinn e o chionn ghoirid ri dithis fhear a dh'innis dha gu soilleir gun robh e coltach gun deach Dòmhnall a mhurt le feadhainn a bha "fiadhaich" leis gun robh e a' toirt seachad Bhìoballan.