Cha tèid luchd-obrach Chal Mac air stailc a-nis ann

  • 3 An Dàmhair 2012
Bàt-aiseig ChalMac
Image caption Cha bhi stailc am measg luchd-obrach ChalMac a-nis ann.

Thuirt aonadh an RMT gu bheil an eus-aonta a bha eadar iad fhèin agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn mu pheinnseanan agus còirichean, seachad.

Tha seo a' tighinn às dèidh do Riaghaltas na h-Alba innse gum bi cùmhnant Cluaidh is Innse Ghall aig a' chompanaidh airson trì bliadhna eile.

Tòisichidh am pròiseas tairgse airson nan slighean ann an 2014 agus tha dùil gun toir e dà bhliadhna.

Bha cunnart ann gun deadh luchd-obrach ChalMac air stailc, ach cha thachair sin a-nis.

Thuirt an RMT gum bi co-dhùnadh an Riaghaltais a' ciallachadh nach atharraich còirichean no peinnseanan an luchd-obrach.

Bha Àrd-Rùnaire an aonaidh, Bob Crow, ag ràdh gun tuirt Riaghaltas na h-Alba riutha nach deadh slighean a bhristeadh an-àirde airson tairgse san àm ri teachd, agus gu bheil tomhais de dhìon an sin.

Ach, thuirt e ma chì an t-aonadh cunnart dhan luchd-obrach a-rithist, gum bi iad a' gairm eus-aonta gun dàil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile