BPA ag ràdh gu bheil an MOD "a' bacadh thuathan-gaoithe"

Crann-gaoithe Tha an MOD an sàs gu mòr ann an Uibhist.

Tha Ministearalachd an Dìon a' cur bacadh air pròiseactan gaoithe anns na h-Eileanan an Iar, a rèir BPA na sgìre.

Tha Alasdair Allan a' cumail a-mach gu bheil an MOD a-nis a' cur an aghaidh a h-uile pròiseict a tha san amharc ann an Uibhist agus nach eil iad deònach còmhradh leis na companaidhean a tha a' cur nam pròiseactan air adhart.

Tha Mgr Allan air litir a chur a dh'ionnsaigh an MOD airson an dragh a th' air a chur an cèill.

Thuirt e cuideachd gum bi buaidh mhòr aig seasamh an MOD air na pròiseactan a tha gan cur air adhart an-dràsta, agus san àm ri teachd.

Ann am brath-naidheachd thuirt an MOD gu bheil iad a' dèiligeadh ri gach pròiseact fa-leth.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' gabhail beachd air far a bheil na crainn-ghaoithe gu bhith air an suidheachadh, cho àrd 's a tha iad agus co-dhiù an toir iad buaidh air an obair a tha iadsan a' dèanamh mus tig iad gu co-dhùnadh air co-dhiù an cuir iad nan aghaidh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.