Inneal deighe Steòrnabhaigh briste

  • 28 An t-Sultain 2012

Tha uallach air nochdadh am measg gnìomhachas an iasgaich ann an Leòdhas agus an t-inneal a tha a' dèanamh deighe ann an Steòrnabhagh briste.

Tha dragh builleach air iasgairean nach bi deigh aca airson deagh ghreis, leis gu bheil coltas ann nach fhiach an t-inneal a chàradh.

Tha ceist air mòran carson a chaidh a' chùis fhàgail son an ìre seo a ruighinn.

Thèid còmhraidhean a chumail fiach dè bhios fa-near dhan ionad Dihaoine.