Casg gu feum, a rèir nam poileas

  • 27 An t-Sultain 2012

Gheàrr casg-aoigheachd meadhan-oidhche do chlubaichean faisg air an dàrna cuid de dh'fhòirneart ann an aon bhaile air a' Ghàidhealtachd, a rèir nam poileas.

Chaidh an casg a chur an sàs ann an Inbhir Nis agus Inbhir Theòrsa ann an 2003 gus smachd na b' fheàrr a chumail air meadhan nam bailtean sin.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh ath-sgrùdaidh air a' phoileasaidh a-nis.

Canaidh cuid gur e cùis-mhagaidh a th' anns a' chasg, ach tha na poilis airson a chumail.

Fòirneart

Chuir Poilis a' Chinn a Tuath freagairt chun na Comhairle ag ràdh gun deach buaireadh agus mì-rian sìos còrr air 30% ann an Inbhir Nis agus faisg air 46% ann an Inbhir Theòrsa bho 2003.

Thuirt 36 freagairt a fhuair Comhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir cur às dhan chasg no gum bu chòir atharrachadh. Bha 13 freagairt ag ràdh gum bu chòir a chumail.

Mhol oifigearan do Bhòrd Ceadachd na Gàidhealtachd gun beachdachadh air na freagairtean gus am bi coinneamh shònraichte aca air an 29mh dhen Damhair.