Sgoil ùr Uibhisteach air fàire

  • 27 An t-Sultain 2012
Uibhist a Tuath Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'fhaodadh sgoil ùr a bhith ann an Uibhist a Tuath an ceann beagan bhliadhnachan.

Tha bun-sgoil ùr airson Uibhist a Tuath ceum nas fhaisge.

Chaidh a h-ainmeachadh am measg prògram sgoiltean ùra a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba.

Ach a rèir a' Chomh. Uisdean Robasdan, dh'fhaodadh gum bi e fhathast an urra ri buill Comhairle nan Eilean Siar airgead a chur ris a' phròiseict, rud nach eil idir cinnteach.

Thuirt Mgr Robasdan gu bheil sgoil ùr airson an eilein air leth riatanach.

Dh'innis an Riaghaltas Diciadain dè na sgoiltean a gheibheadh taic airson an togail as ùr neo ath-leasachadh.

Prògram Sgoiltean

An t-seachdain a chaidh gheall Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gun deadh 12 sgoil a bharrachd a thogail na bhathas an dùil, a' ciallachadh gu bheil 30 sgoil a' faighinn taic anns an treas chuairt, an tè mu dheireadh, ann am prògram "Schools for the Future" aig an Riaghaltas.

Tha 67 sgoil sa phrògram uile gu lèir agus tha an Riaghaltas an dòchas gum bi iad uile deiseil ron Mhàrt 2018.

Chuir BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, fàilte air an naidheachd gu bheil sgoil ùr ann an Uibhist a Tuath am measg na chaidh ainmeachadh sa chuairt seo.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil greis mhath ri dhol fhathast mus dèan Comhairle nan Eilean Siar co-dhùnadh mu na bu chaomh leotha a thogail agus càite.

"Ged a tha sgoil ùr son sgoilearan ann an Uibhist a Tuath tarraingeach, tha grunn dhaoine san sgìre air a ràdh gum feumar cuideachd beachdachadh air na h-astaran nas fhaide a bhios aig cuid de chloinn ri shiùbhail, agus a' bhuaidh a bhios aig a bhith a' dùnadh sgoiltean air coimhearsnachdan," thuirt Mgr Allan.

Naidheachd mhath

Bha an Comh. Uisdean Robasdan, a tha a' riochdachadh na sgìre, toilichte gum bi taic ri fhaotainn son sgoil ann an Uibhist a Tuath.

"Tha grunn cheumanan ri dhol fhathast ach 's i naidheachd mhath a th' ann dha-rìribh aig an ìre seo.

"Tha mi an dòchas gum faigh sinn gluasad air adhart às an seo," thuirt Mgr Robasdan.

Cha bhi an Riaghaltas a' pàigheadh ach an dàrna leth de na cosgaisean.

Bidh aig a' Chomhairle ris a' chòrr fhaighinn.

Nan deadh bun-sgoil ùr a thogail ann an Uibhist a Tuath, dheadh i an àite nan trì a th' ann: Sgoil Chàirinis, Sgoil Loch na Madadh agus Sgoil Cheann a' Bhàigh.

Thuirt Mgr Robasdan gur e am beachd as làidire a bha esan a' faighinn thuige seo gur e an Clachan deagh àite son sgoile ùire.

Thèid co-chomhairleachadh a dhèanamh ann an Uibhist a Tuath mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh an tèid leantainn leis a' phròiseict thogail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile